Òran an t-Saighdeir

Feasgar dhomh 's mi sràidearachd
Gu h-àrd air ceann Dùn-Eideann,
Gun thachair orm a saighdeir
Is dh'fhoighneachd e mo sgeula.

(Sèisd:) Hì rì hò rò, thug òroinn ò,
Hì rì hò rò, thug eile,
Hì rì hill ò, thug òroinn ò.


Thachair orm a saighdeir,
Is dh'fhoighneachd e mo sgeula,
'S thuirt e rium “enlisteadh”
Gur i chèaird is fheàrr fo'n ghréin i.

'S thuirt e rium “enlisteadh”
Gur i chèaird is fheàrr fo'n ghréin i.
"Gu faigh thu òr is airgead
'S an còta dearg mar éideadh."

"Gu faigh thu òr is airgead
'S an còta dearg mar éideadh."
'S gun tug e dha'n taigh-òsda mi
'Nuair thug mi seòrsa géill dha.

'S gun tug e dha'n taigh-òsda mi
'Nuair thug mi seòrsa géill dha.
'S gun tug e dhomh ri ghiùlain
Té ghlas nach sgùr i-fhéin dhomh.

'S gun tug e dhomh ri ghiùlain
Té ghlas nach sgùr i-fhéin dhomh.
'S thathaich e nis' dhachaidh mi
Dha'n chaisteal an Dùn Eideann.

'S thathaich e nis' dhachaidh mi
Dha'n chaisteal an Dùn Eideann.
'S na h-ighneagan air pòsadh
'S nach fhaigh mi chóir air té dhiubh.

'S na h-ighneagan air pòsadh
'S nach fhaigh mi chóir air té dhiubh.
'S mo shoraidh null gu Muile
Far a bheil mo rogha céile.

'S mo shoraidh null gu Muile
Far a bheil mo rogha céile.
'S far a bheil na h-ighneagan
'S na gillean air na féilltean.

'S far a bheil na h-ighneagan
'S na gillean air na féilltean.
'S far a bheil na gillean òg'
Ag òl deoch-slàinte a' chéile.