O 'S Fheudar Dhomh Bhi Togail Orm
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
O, 's fheudar dhomh bhi togail orm,
Fuireach cha dèan feum ach falbh;
O, 's fheudar dhomh bhi togail orm,
A' dhìreadh nam fuar-bheann.
Righ! Gur mise tha fo bhròn dheth,
Air an tulaich seo 'nam ònar;
Fàth mo mhulaid thu bhi pòsda,
Ogbhean a' chùil dualaich.
Do na h-Innsean 's tric a sheòl mi,
'S anns gach caladh tha mi eòlach;
Té ni coimeas riut am bòidhchead
Gus an seo cha d'fhuair mi.
'S ann an uair bha sinn ri mireadh,
Air an àirigh am bràigh 'ghlinne,
'Chaidh na saighdean ann am chridhe,
Nighean donn na buaile.
Nuair chi mi 'n gleann 'san robh sinn còmhla
'Buain nan sobhraichean 's nan neòinean,
'S sinn le chéile aotrom, gòrach,
Ruithidh deòir le m'ghruaidhean.
Dhèanainn iomadh rud nach saoil thu,
Anns an àm ged 'mheas thu faoin mi,
Mharbhainn fiadh air àird an aonaich,
Coileach-fraoich 'is ruadh-bhoc.
C'uime 'm bithinn-sa fo smàlan,
Is mo lìontan air a' chladach,
'S iasg cho math an grunnd na mara
'S a thàinig riamh an uachdar?