'Se 'N Gille Dubh Is Aille
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
'S e 'n gille dubh is àille,
'S e dh'fhàg an diugh fo phràmh mi,
O'n dh'fhalbh e bhuam air uchd a' chuain,
Le luingeas luath nan àrdchrann,
'S e 'n gille dubh is àille.
Gur mi tha dubhach, cràiteach,
'S mi bleoghann cruidh air airigh,
Tha gàir nan tonn 'g a m'fhàgail trom,
Cha tog mi fonn 's cha ghàir mi.
Gur maiseach, fearail, àlainn,
Tha fleasgach deas nam blàthshuil;
Gu siùbhlainn leis an cuan mu dheas
Ri fuachd is teas bhiodh gàbhaidh.
'S a Dhia tha anns na h-àirdaibh,
O deònaich sìth air sàile,
Is soirgheas ciùin nach stròic na siùil
Air sgàth mo rùin do'n armunn.
'S òg a thug mi làmh dha,
'S ri m'bheò cha dèan mi àicheadh,
Mo dhùrachd blàth a h-uile là
Gun stiùir e dhachaidh sàbhailt'.