'Se Mo Bheachd Ort, a' Bhàis
'Se mo bheachd ort, a' Bhàis, gu bras thu ri pàirt,
'S gur teachdaire làidir, treun thu;
An cogadh no 'm blàr, cha toirear do shàr,
'S aon duine chan fhàir do threigsinn.
Gun tug thu an dràsd dhuinn buille no dhà,
Chuir eaglaisean bàn is fòghlum;
Is fhurasd' dhomh 'ràdh gur goirid do dhàil,
'S gur tric a' toirt beàrn 'nar Cléir thu.
Bhuin thu ruinn garbh mu'n dithis seo dh'fhalbh
Nuair ruith thu air lorg a' chéil' iad;
C'uime nach dh'fhàg thu buidheann a b'àirde
A bhiodh do chàch ro fheumail.
A bruidheann a b'fheàrr a' tighinn o'm beul,
'S an cridheachan làn de reuson,
Chaidh gibhteachan gràis a mheasgadh 'nan gnàths
'S bha'n cneasachd a' fàs d'a réir sin.
Tha'm bàs os ar cinn 'gar glacadh le tinn,
'S le fradharc ar cinn cha léir e;
Ach tha glaodh aig' cho cruaidh 's gum faodaidh an sluagh
A chluinntinn le cluasaibh reusoin;
Nach dearc sibh a chùl is fear aig fo iùl,
'S e sealltain le 'shùil gu geur air;
An-diugh ciod am fàth nach bhiomaid air gheàrd,
'S gun bhuin e ar nabaidh an-dé uainn.