'Se Mo Cheist An Gille Donn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Hillean iù, hillean ì,
Hillean iù, hillean ò;
Fàill il éileadh, hò rò ì,
Gu dé ni mi mur faigh mi thu?


'S e mo cheist an gille bàn,
Chan eagal leam e bhi le càch;
Teann a-nall 's bheir dhomh do làmh,
'S an dàil cha bhi na's fhaid' againn.

'S e mo cheist an gille donn,
Thogas air an fhiodhull fonn;
Ged a bhiodh do phòca lom,
Gun nì, gun fhonn, gun gabhainn thu.

Tha mi mar smeòrach nan craobh,
A' sealltainn bho thaobh gu taobh;
Sin agaibh mar bhios an gaol,
Gur h-iomadh taobh a ghabhas e.

Tha mi mar uiseag an crann,
'S i an déidh a h-eòin a chall;
Seacharan air dhol 'n a m'cheann,
'S ged thig an t-àm cha chaidil mi.

'S chì mi soitheach air a' chuan,
'S fhada leam-sa tha e bhuam;
'S ann shaoileas mi an ceann gach uair
Gun còir dha'm luaidh tighinn dachaidh air.

'S tu mo chridhe 's tu mo chreud,
Chuireadh na teudan sin air ghleus;
'S dhannsainn leat air ùrlar réidh,
Gu h-aotrom, éibhinn, aighearach.

'S ged nach eil an gill' ach òg,
Tha e misneachail gu leòr;
Gheobh e long fo cuid seòl,
'S a chaoidh ri m'bheò chan fhaigh mi thu.

'S e Dòmhnallach dha'n tug mi gaol,
Nach robh fichead bliadhn' a dh'aois;
Ged bhiodh tu gun fearann saor,
Gur tusa ghaoil a ghabhainn-sa.

Agus Alasdair a ghràidh,
Gill' as grinne thu 's an àit';
Dh'an tug mis' mo dhùil 's mo làmh,
'S cha robh e'n dàn dhomh d'fhaighinn-sa.

'S fhuair mi do litir a-nall,
Air a sgrìobhadh leis a' pheann;
Thàinig an Nollaig 's dh'fhalbh an t-àm
A gheall thu tighinn 'g a m'amharc-sa.

Cha téid mis' an taobh ud thall,
Tha mo chàirdean 'g a m'chur ann;
Ged a bhristeadh iad mo cheann,
Cha téid mi ann a dh'aindeoin dhaibh.

Cha b'e airgoid, cha b'e òr,
Cha b'e siud a rinn mo leòn;
Ach falbh air bòrd na luinge mhóir,
'S nach tig thu'n còir an fhearainn seo.