Sheatadh Cailleach

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Sheatadh cailleach, ruidhleadh cailleach,
Sheatadh cailleach ris a' bhalg:
Sheatadh cailleach Uilleam Buidhe
Ris a' bhuidheann a bh'air falbh.


Ruidhleadh cailleach nan cailleach
Ri cailleach Bhaile nan Cailleach,
'S gu seatadh a' chailleach Hearach
Ris a' chaillich a bh'air falbh.

Ruidhleadh cailleach Iain Bhuidhe
Ris a' chailleach a bh'aig Uilleam,
'S nuair thug Anna dhith an currachd
B'fheudar a dh'Iain Curaidh falbh.