O Siud An Taobh A Ghabhainn

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
O siud an taobh a ghabhainn,
E siud an taobh a ghabhainn,
'S gach aon taobh 'gam biodh an rathad
Ghabhainn e gu h-eòlach.


Gabhaidh sinn ar cead de Mhòrair,
Arasaig 's Mùideart nam mór-bheann',
Eige 's Canaidh gheal nan ròiseal
'S Uibhist bhòidheach ghreannmhor.

Cnoideart fhuar 's Gleanna Garaidh
Far am bheil na fiurain gheala,
'S Uisge Ruadh o'n Bhràighe thairis,
Gu Srath Inbhir Lochaidh.

Dòmhnullaich is gu'm bu dual dhaibh
Seaseamh dìreach ri uchd cruadail,
A bhith dian a' ruith na ruaige,
Dìleas, cruaidh gu dòruinn.

Long is leòmhann, craobh is caisteal,
Bhiodh 'nan sròiltean àrd ri 'm faicinn;
Fìreun, is làmh dhearg is bradan,
Is fraoch 'na bhadain còmh' riuth'.

Chì mi 'n cabrach air an fhuaran,
A ghréidh fhéin 'nan treud mu'n cuairt dha;
A h-uile té 's a sròn 's an fhuaradh
Mu'n tig gnùis luchd-tòrachd.

Leam bu bhinn a' chaismeachd mhaidne,
An déidh dùsgadh as mo chadal,
Coileach dubh air bhàrr a' mheangain,
'S fiadh 's a' bhad ri crònan.

Tha na càirdean gasda lionmhor
Thall 's a bhos air feadh nan crìochan,
'S ma dh'fhàgas mi aon dhiubh air dì-chuimhn'
'S aobhar mìothlachd dhomhs' e.

Falbhaidh sinn o thìr nan uachdran;
Ruigidh sinn an dùthaich shuaimhneach,
Far am bidh crodh laoigh air bhuailtean
Aig na fuarain bhòidheach.

Falbhaidh sinn 's cha dean sinn fuireach,
Fàgaidh sinn slàn agaibh uile;
Seòlaidh sinn air bhàrr na tuinne
Dia chur turus oirnne.