Stocainnean Daoimean
[Fonn / Tune]
[Séisd]
Hai o hai rum, stocainnean daoimean,
Hai o hai rum, stocainnean daoimean,
Hai o hai rum, stocainnean daoimean,
'S iad bhios grinn anns na lòrns.
Hai o hai rum, chunna' mis' an-raoir thu,
Och hai rum, chunna' mis' an-raoir thu,
Hai o hai rum, chunna' mis' an-raoir thu,
Dìreadh na staidhr' anns an Royal.
Hai o hùram, cha bu mhath bu diù leam,
Och hùram, cha bu mhath bu diù leam,
Hai o hùram, cha bu mhath bu diù leam,
Mur faighinn fhìn an t-Uigeach ri phòsadh.
Hai o hai rum, cha ghabh mise Siarach,
Och hai rum, cha ghabh mise Siarach,
Hai o hai rum, cha ghabh mise Siarach,
Ged a bhithinn bliadhna gun phòsadh.
Hai o hùram, 's ann taobh thall a Mhùirneig,
Hai o hùram, 's ann taobh thall a Mhùirneig,
Hai o hùram, 's ann taobh thall a Mhùirneig,
Tha far a bheil mo rùn-sa ri còmhnaidh.
Hai o hùram, thug e bonaid ùr dhomh,
Hai o hùram, thug e bonaid ùr dhomh,
Hai o hùram, thug e bonaid ùr dhomh,
Meileabhaidh is gùn agus cleòca.