Tha Mi Fo Lionn-Dubh 'S Mi M'Ònar
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Tha mi fo lionn-dubh 's mi m'ònar,
Tha mi sgìth an déidh mo leònadh,
Tha mi fo lionn-dubh 's mi m'ònar.
Dh'éirich mi moch maduinn Dòmhnaich.
Chunna mi do bhàta 'seòladh.
Cha b'ann do'n Fhràing no dh'an Òlaind.
Air Dùn Bheagain leag i còrsa.