Tha Mo Chion Air An Fhiùran
[Fonn / Tune]
[Séisd:]
Tha mo chion air an fhiùran,
O hì hì rì hù ò,
Ceum farasd' air ùrlar,
Gun d'fhuair thu cliù nam fear òg.
Chuir iad mise 'nam mharaich
Ann an toiseach na gaillinn,
Air eagal m'fhaicinn le m' leannan
Tighinn á gleannan an fhraoich.
Bha mi'n raoir anns a' bhàta,
Cha robh 'n cadal mar b'àbhaist;
Gur h-ann a chunnaic mi làmh rium
A' bhean a b'àillidh ri m'thaobh.
Sud an obair a dh'iarrainn,
Gur h-i m'aighear 's bu mhiann leam,
Bhi cur litreach 'g a d'iarraidh
Gun téid thu Ghrianaig fo sheòl.
Na biodh ort-sa bonn chùraim
Ach mis' bhi 'ga stiùireadh;
Ged a dh'éireadh muir dubhghorm
Ri cùl na stràchd-bheòil.
Na biodh ort-sa bonn gealtachd,
Ged bhiodh cruaidh fhrasan sneachd ann;
Ma bhios mi'm bàrr slatan
'N àm 'bhi pasgadh nan seòl.
Sud an obair a chleachd mi,
Bhi an seòmar na pacaid,
Cluich air dìsnean is cairtean,
'S gillean sgairteil mu'n bhòrd.
'N àm dhuinn seòladh à Grianaig,
Tighean-chuspainn a “chlearadh”,
Uisge-beatha cha b'fhiach leam
Ach am fìon bhi 'g a òl.
Nam faicinn dol seachad,
Long do dh'Albainn no Sasunn,
Chuirinn litir do m'leannan,
Gura maireann mo ghaol.
Chuirinn litir do m'eudail,
'S an déanadh i leughadh,
Gu bheil an Dòmhnullach deurach
A' call a chéille 'g a caoidh.
Ach ma bhios mise maireann,
'S tighinn sàbhailte dhachaidh;
Cha téid mi tuilleadh 'nam mharaich',
Nì mi fantail 's na caoil.
Ach ma nì thu pòsadh mun tig mi,
Fiach gur feàrr e na mise;
Na gabh pòitear no misgear,
'S gabh idir fear faoin.