Tha Toll Air A' Bhàta

[Fonn / Tune]



[Séisd:]
Tha toll air a' bhàta mhór,
Tha toll air a' bhirlinn,
Tha toll air a' bhàta mhór,
'S cha chàirich na saoir i.


Tha aon oirr', tha dhà oirr';
Tha dhà oirr', tha trì oirr';
Tha ceithir, tha còig oirr',
Cha mhór nach eil naoi oirr'.

Mur dèan saor a càradh,
Nì 'n ceàrd dhomh le staoin e,
Is dubhaidh mi le teàrr i,
'S cha dèan clàr dhith aoidion.