Thig Trì Nithean Gun Iarraidh
[Fonn / Tune]
Thig trì nithean gun iarraidh,
An t-eagal, an t-eudach, 's an gaol;
'S gur beag a' chùis mhasluidh
Ged ghlacadh leo mis' air a h-aon,
'S a liuthad bean uasal
A fhuaradh 'sa chiont an robh mi,
A thug a gaol fuadain
Air ro bheagan duaise 'ga cheann.
[Séisd:]
Air faillirinn, illirinn,
Uillirinn, o ho-ro laoidh;
'S cruaidh fhortan gun fhios
A chur mise fo chuing do ghaoil.
Fhir a dhìreas am bealach
Beir soiridh don ghleannan fo thuath,
Is innis do m'leannan
Gur maireann mo ghaol 's gur buan.
Fear eile cha ghabh mi
'S chan fhuiling mi idir a luaidh,
Gus an dean thu, ghaoil, m'àicheadh
Cha chreid mi o chàch gur fuath.
Fhir nan gorm-shùilean meallach
O'n ghleannan do'm bitheadh an smùid,
'Gam bheil a' chaoin mhala
Mar chanach an t-sléibh fo dhrùchd.
Nuair rach' tu air t'uilinn
Bhiodh fuil air fear dìreadh nan stùc,
'S nam biodh tu, ghaoil, mar rium
Cha b'anaid an céile leam thu.
Nam faicinn thu tighinn,
Is fios dhomh gur tusa bhiodh ann,
Gun éireadh mo chridhe
Mar aiteal na gréin' thar nam beann.
'S gun tugainn mo bhriathar
Gach gaoisde tha liath na mo cheann,
Gum fàsadh iad buidhe,
Mar dhithein am bruthach nan allt.
Mur tig thu fhéin tuilleadh
Gur aithne dhomh mhalairt a th'ann,
Nach eil mi cho beartach
Ri cailin an achaidh ud thall;
Cha tugainn mo mhisneach,
Mo ghliocas, 'is grinneas mo làimh,
Air buaile crodh ballach
'Is cailin gun iùil 'na ceann.