Thogainn Fonn Gun 'Bhi Trom
[Séisd:]
Thogainn fonn gun 'bhi trom
Air nighinn duinn a bha 'n Cat-thaobh;
Ghruagach òg a' chùil duinn,
Dh'éireadh sunnd orm ri d'fhaicinn.
Latha dhomh 's mi siubhal bheann
'Falbh gu teann eadar chreagaibh,
Thachair orm a' chruinneag dhonn
'M bun nan tom 'buain nan dearcag.
O nam bithinn-sa air an fhéill
'S e do bhréid thigeadh dhachaidh,
Agus ribein maiseach, ùr,
Ged bhiodh crùn air an t-slait dheth.
Ged is greannach leat mo cheann
'S ged is cam leat mo chasan,
Thogainn creach bho Thighearna Ghrannd
'S dh'òlainn drama 's an dol seachad.
Théid mi sios 'us théid mi suas,
Bheir mi ruaig do Lochaber;
'S ged bhiodh Rothaich air a chal
Bheirinn pàirt de'n chrodh bhreach bhuap'.
Dheanainn banais a bhiodh mór
Air 'm biodh geòidh agus cearcan;
Bheirinn féidh dhuit as na glinn
Agus minn as na creagan.
B'fheàrr leam féin na mìle bó
'S na tha dh'òr aig Rìgh Shasuinn
Gu'm bith'inn féin sa' chruinneig dhonn
'M bun nan tom 'buain nan dearcag.
'S tu mac-samhuil na gil-ghréin'
Moch ag éiridh 'sa' mhaduinn;
Nam bu leam-s' thu ann an còir
Gu'm bu shòlasach m'aigne.
Mar an t-sirist tha do ghruaidh,
'S tha mo luaidh air do phearsa;
Dh'fhàs do chuailean buidhe-donn
Feadh nan tom 'buain nan dearcag.
'S iongantach leam duine còir
'S móran stòrais bhi aige
Nach d'chuir Beurla ann ad cheann
Agus danns' ann ad chasan.
Latha dhomh 's mi 'siubhal fraoich
Fhuair mi 'n fhaodail bha taitneach,
Nighean donn na mala caoil
Air a taobh 'buain nan dearcag.