Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



COISRIGEADH AN AODAICH [113]

Is math a ghabhas mi mo rann,
A teurnadh le gleann;
Aon rann,
Da rann,
Tri rann,
Ceithir rann,
Coig rann,
Sia rann,
Seachd rann,
Seachd gu leth rann
Seachd gu leth rann.

Nar a gonar fear an eididh,
Nar a reubar e gu brath,
Cian theid e 'n cath no 'n comhrag,
Sgiath chomarach an Domhnach da,
Cian theid e 'n cath no 'n comhrag,
Sgiath chomarach an Domhnach da.

Chan ath-aodach seo, 's chan fhaoigh e,
'S cha chuid cleir no sagairt e.

Biolair uaine ga buain fo lic,
'S air a toir do mhnai gun fhiosd:
Lurg an fheidh an ceann an sgadain,
'S an caol chalp a bhradain bhric.
 
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD