Rannsaich


CARMINA GADELICA

Ortha nan Gaidheal



URNUIGH CHADAIL [31]

O Ios gun lochd
A Righ nam bochd,
A chiosadh gort
Fo bhinn nan olc,
Dion-s, an nochd,
Bho Iudas mi.

M' anam air do laimh, a Chriosda,
A Righ na Cathrach Neomh,
Is tu cheannaich m' anam, Iosa,
Is tu dh' iobair beatha dhomh.

Teasruig mi air sgath mo sprochd,
Air sgath do phais, do lot is t' fhala fein,
Is tabhair tearuint mi an nochd
Am fochar Cathair De.
 
 
 
Rannsaich
Niall MacFhionnlaigh, A' Chiste Ghàidhlig, a chuir na teacsaichean seo gu léir bho Carmina Gadelica air an làrach-lìn aig Sabhal Mór Ostaig ann an 1995
2001-04-08 CPD