Tha móran sluaigh am beachd an diugh
nach 'eil ar cànain slàn,
nach fhada chluinnear fuaim a guth,
nach teid i chaoidh na 's fheàrr;
gu 'm bheil an aonta bh' aic' air ruith,
nach tog i ceann gu bràth;
's a dh' aindeoin buaidh Mhic-Ille-Dhuibh
gu 'm faigh a' Ghàidhlig bàs.
Tha siol nan sonn 'g an cur air chùl
's am fearann 'g a chur fàs;
tha féidh is caoraich air gach stùc
mu 'n robh na laoich a' tàmh;
An leig sinn eachdraidh chaomh ar tìr
a sgrìobadh de gach clàr,
's a Ghàidhlig chòir a chur a dhìth
le linn nach tùig a gnàths?
A' chànain aosda, ghlòrmhor, bhinn,
a dhuisgeadh fuinn nam Bàrd,
am fan sinn diomhanach gun suim
is daoi 'g a cur gu bàs?
Dùisg suas, a Ghàidhlig, 's tog do ghuth,
na biodh ort geilt no sgàig;
tha ciadan mìle dìleas duit
nach dìobair thu 's a' bhlàr;
cho fad' 's a shiùbhlas uillt le sruth,
's a bhuailleas tuinn air tràigh,
cha 'n aontaich iad an cainnt no 'n cruth
gu 'n teid do chur gu bàs.
A' chainnt a dh' fhoillsich cliù nam Fiann,
's an gaisge dian 's gach càs;
tha 'n euchdan iomraiteach bho chian
ag àrach miann 'n an àl;
na leómhainn threun nach d' thug le fiamh
an cùlaibh riamh do nàmh,
tha iomadh gleann, is cnoc, is sliabh,
a' luaidh air gnìomh an làmh.
Cha 'n eòl dhuinn ceàrn an ear no 'n iar,
no fonn mu 'n iadh an sàl,
nach faighear cuid an sin dhe 'n sìol
a' liadachadh 's a' fàs,
tha 'g altrum suas, le dùrachd dhian,
gach sgialachd agus dàn,
a bhiodh an sinnsearan a' sniomh
an tìr nan sliabh 's nam bàgh.
Ach 's geàrr a bhios an ùin' a' triall
gu 'm faic sinn, mar is àill,
a' Ghàidhlig mhùirneach, mar ar miann,
an cathair inbhich, àird;
a' sgaoileadh eòlais, tùigse, 's ciall
bho h-ionmhasan nach tràigh;
's a' taisbeanadh le neart a rian
nach teid i 'n cian so bàs.
'N sin togaidh i le buaidh a ceann,
le aoibhneas nì i gàir;
a teudan gleusaidh i gu teann
le cridhe taingeil, làn;
gu 'n cluinn Mac-talla feadh nan gleann
gach dore 's allt cur fàilt',
's an osag chiùin air bàrr nam beann
a' giùlan fonn a dàin.
Ach buaidh is piseach air na laoich
tha seasmhach air a sgàth,
chaidh àrach ann an tìr an fhraoich,
ge sgaoilt' an diugh an àl;
ged chaidh an sgapadh air gach taobh,
cha chaochail iad an gnàths;
cha 'n fhàs an eachdraidh lag le aois,
's cha 'n fhaigh a' Ghàidhlig bàs.
Date: Wed, 8 May 1996 06:39:43 -0400
Sender: Gaelic Language Bulletin Board <GAELIC-L@IRLEARN.UCD.IE>
From: Micheal MacThómhais <Eomot@AOL.COM>
Subject: Re: Moladh na Chànain - Am faigh Ghàidhlig bàs
[...] by Niall MacLeod, written about a hundred years ago [...] MacLeod's poem was written about the time that J.S.Blackie achieved increased academic recognition for modern Gaelic (as opposed to the Old Common Gaelic and Middle Irish of the Fiann and CuChulain epics) in Scottish Universities, hence the reference to him in the first verse. (MacLeod also wrote an elegy on Blackie's death, some years later.) [...]
(I don't think MacLeod's book "Clarsach an Doire" has been out of print in the 113 years since the first edition was published. The 6th edition contains about 90 poems and songs and 4 short stories. Strongly recommended for anyone with an interest in gaelic verse. Available from Gairm Publications, SBN 901771 48 1.)