Rannsaich

Fògradh a luchd-dùthcha a dh'Aimearagadh

le Domhnall MacMhathainn, Srath Chille Donnainn, Cataibh. 1719-1782.

Bha Iarla Chataibh agus Morair MacAoidh air bàs fhaighinn agus bha an oighreachan nan clann òg. Sann air soithichean bha gu minic cunnartach a bhiodh na Gàidheil air an giùlain a dh'Aimearagadh.

Tha mi faicinn iongantas, a' tighinn anns an àm;
chan eil againn ach bhith ag èisdeachd, na chanas Esan ruinn:
buinidh nithe follaiseach, dhuinne's do ar cloinn,
ach na nitheana uaigneach, se 'dhìomhaireachd-san th'ann.

Ach tha mi faicinn faileas, de nithe bh'ann bho chèin.
Nuair bha pobull Israeil, san Eiphit ann am pèin:
thug e le lamh làidir iad, a-mach bho Phàraoh fhèin
is dh'fhuasgail e an cuan doibh, nuair luathaich e nan dèigh.

Tha mi faicinn deuchainnean, an tràth-sa air gach làmh,
teaghlaichean bha urramach, air leagadh mhàn an ceann,
seirbhisich nan uachdarain, is oighreachan nan clann,
an talamh làn de dh'èiginn, a Dhè, co sheasas ann?

Tha mi faicinn rithiste, an fhìrinn air a ceann;
dorus a bhith air fhosgladh, nuair bha an iomair teann;
Is nam bu chlann cumhnanta, a dhùraigeadh a dhol ann,
dh'fhosgladh e na flaitheanas, mus tigeadh iad gu màll.

S ged rachadh iad Charolina, neo do thìr tha fo'n ghrèin,
cha b'urrainn iad-san tachairt, ach ann nan talamh fhèin;
's iad oighreachan nan geallaidhean, 's bithidh an solumas da-rèir;
's ged thigeadh iad gu cruaidh-chàs, theid fuasgladh orr' nam feum.

Tha mi faicinn iongantas, air tighinn anns an àm,
ach se coileanadh na fìrinn e, bha air innseadh dhuinn ro-laimhe,
gum biodh àitean aonarach, daoine air 'n cuir annt'
's gum bithidh iad air an àiteachadh, le caiteal agus clann.

Faodaidh an glan's an salach, bhith'n aon uair anns an long,
an cogul is an cruithneach, bhith air an cuir san aon fhonn;
is fàsaidh iad-san cuideachd gus am bi'm foghar ann,
Dar thig tìm an dealachaidh, eadar cruithneachd agus moll.

Ma chanas sibh gur breugach seo, leughaibh e bhon tuil,
nuair nach robh air fhàgail, ach an àirc gu sìol-cuir;
ma leughas sibh gu 'ghrunnd e, is èiginn dhuibh 'n sin sguir,
mas breithnich sibh gu reusanta, gach creurtair a bha'n sud.

Ach se tha cuir orm iongantas, cionnas bha iad beò,
an t-uan agus am madradh, air an cuir anns an aon chrò;
an nathair is an duine, chaidh air tùs leatha leòn
gach beathach glan is neo-ghlan, cionnas a fhuair iad lòn.

Ged bhithinn-sa cho gòrach, 's gun deònaichinn dol ann,
mar rachainn air an rathad, cha b'fhada bhithinn ann;
sann tha mo shùil ri baile, is fearrainn nach bithidh gann,
far nach caochail maighstir, 's nach imir cliath neo crann.

Tha uachdarain nan daorsa, do dhaoine anns an àm,
gam fuadachadh's gan teannachadh, gu tìr ni maith don chlann;
ach moladh a bhith gu bràth, don Tì is airde glòir,
fhuair a-mach am fosgladh ud, 's a dheasaich dhaibh an lòn.

Se mo bharail air na cairdean, tha an tràth-sa fada uainn,
gun dèan Dia an lìbhrigeadh, bho chumhachd gaoith is cuain;
is ged eil dàn mar dhùrachd, aig uaisle an taobh-tuath,
gheibhear an cuid litrichean, is teisteanas am buaidh.

 
Rannsaich
1997-11-26 CPD