Rannsaich

Marbh-rann do Mhaighstir Uisdean Ros, ministear Chill Donnain

Le Domhnall MacMhathainn, Srath Chille Donnainn, Cataibh. 1719-1782

Och is ochan mar tha mi! Triall gach là do Childonnan,
ri bhith smuaineach' air t-àbhaist, agus blàthaid do chomuinn;
Gus an còmhlaich an uaigh mi, 's mi air uairean ga thadhal,
cha sheas i dhomh d'àit', ach, a' triall gu bràth as do dhèidh.

B'fharasd aithneach' air do ghleus-sa, gun robh do spèid a' dol dhachaigh,
nuair rachadh tu sa chubaidh, bhiodh fìon ùr san fheasgair;
'S luchd nan cridheachan brùite, faotainn fuasgladh nan ceistean,
's gach neach a ghràdhaich an fhìrinn, bu chaomh leotha do theagaisg.

Tha mi cuir fhianais air do naimhdean, mur innseadh tu'n fhìrinn,
's mur d'fhuair thu do theagaisg, 's cùis eagail ri innseadh;
bheireadh tu bainne don uan, agus biadh do na caora'
is gheibheadh tu don t-seudair, a chuid fhèin anns an fhìrinn.

Ann do dhreuchd mar Fhear-teagaisg, bha thu treibh-dhireach dìleas,
dh'innseadh tusa a chunnart, do gach duine le dìlseachd;
's nuair thig iad-san cuideachd, cha bhith thus' air do dhìteadh:
cha b'e sud do pheacadh, gun ceileadh tu'n fhìrinn.

B'e sud ministear na comuinn, 'n tràth chruinnicheadh chòmhail,
dhaingicheadh obair an dearbhaidh, nam bu bheag nam bu mhòr i;
ach airson a' chealgair, bha, thu d'imcheist dha 'n còmhnaidh,
gheibheadh tu mach air a' bhlas e, 's air 'fhaireachdan comhla.

B'e sud ceann nam peathraichean, agus caraid nam braithrean,
thaobh na feòla's an spioraid, 's ceart a bheireadh tu gràdh dhoibh;
ceann mna thu bha muileach, 's ghoirt a bhuin rith' do bhàs-sa,
's ma dh'innseas mi'n fhìrinn, b'e sud mo chaochail cràiteach.

Gun cuimhnich an t-Ard-righ, le fàbhar do leanabh,
d'a gleidheadh san t-saoghal, o gach baoghal is sgainneal;
gun lean e le naomhachd, bean na mìne bha mar riut,
riamh chan fhaca mi a h-aodann, ach fial, faolaidh is ceanalt.

Bu bhlàth do na bochd thu, 's bu cheann-uidhe don araidh,
's de theaghlach a' chreidimh, chan fhaca mi d'àicheadh;
riamh chan fhaca mi leithid, do cheann peithir is brathair,
's tha e nis ann an teaghlach, cho saidhbhir's is àill leis.

Cha b'e Ministear an Arain, a bh'agam ri iomradh,
ach fear chunnaic's a dh'fhairich, den ath-bhreith na dh'imireadh;
a' prèisgeadh an soisgeul, bho fhaireachdainn 'anma
's bheireadh comhairl' bhiodh fìor-ghlan, 's bhitheadh ciallach ri leanmhainn.

Ach bheirinn mo chomhairl', ma thèid mi san sgìre-sa,
gu dean iad mo leabaidh, cho fagus's tha sìnte riut;
oir chan eil difeir pearsa, ri fhaotainn san àit' ud,
tha an Righ is am baigeir, san aon staid anns a' bhaghan.

Gu bheil mise den bharail, 'n tràth bhitheas sinn ag èirigh,
gun aithnich mis' agus Uisdean, anns an dùsgadh a chèile;
nuair thig trombaid on Athar, bithidh sinn a' cath anns a chèile,
's bithidh toiseach an rathaid, aig na naoimh anns an èirigh.

 
Rannsaich
1997-11-26 CPD