Rannsaich

Iain MacAoidh, Miudail, Cataibh

Rugadh MacAoidh uaireigin mu 1690, a-rèir luchd-cruinneachaidh a bhàrdachd anns an leabhar `Metrical Reliques'. Bhuineadh e do Chlann Abrach MhicAoidh agus bha e na chòmhnaidh ann am Miudail. Se meur Halmadaraidh a' chinnidh sin bhon tàinig e. A-rèir aithris, ghabh am bàrd Dùghall Bochannan gu subhach ris a' bhàrdachd aige nuair chaidh pàirt dhe aithris ris ann an 1746 le saighdearan Mailisi Chataibh (the Sutherland Militia) a bha air an suidheachadh ann an Raineach is Dun Chaillinn as dèidh ar-a-mach Thearlaich Stiùbhaird bhith air a chuir sios.

Dàin:
An Tèarnadh Mìorbhaileach
 
Rannsaich
1997-11-26 CPD