Rannsaich

Lachlann MacCoinnich
Loch Carran, taobh siar Rois. 1754-1819

Bha Maighstir Lachlann cliùteach na latha mar theachdaire cumhachdach ann an Loch Carran, taobh siar Rois; cluinnear fhathast beul-aithris mu thimcheall anns na h-eaglaisean soisgeulach air Ghàidhealtachd. A bharrachd air a bhith mion-eòlach air fèin-fhiosrachadh dhaoine agus a' searmonachadh ann an dòigh a bheireadh cuideachadh dhaibh, bha e ainmeil airson sreath shearmoin a rinn e an aghaidh fuadach nan Gàidheal. Bha liut aige airson deilbh a tharraing le briathran, gus teagaisgean a' Bhiobuill a chur an cèill.

Dàin:
Banca Seasmhach a' Chriosdaidh
 
Rannsaich
1997-12-05 CPD