Rannsaich

Banca Seasmhach a' Chriosdaidh

le "Maighstir Lachlann" MacCoinnich, 1754-18, Loch Carran, taobh siar Rois

Chan fhailnich mo Bhanc-sa gu sìor',
Chan ionann's òr an t-saoghail
's gun bhanc' air talamh leth cho làn
Cha bhith mi'm thràill fo dhaorsa;
Nuair bhios mo stoc air ruith a-mach,
is mi gun fiù a' ghròta,
Grad ghreasaidh mi an sin dom bhanc,
Is gheibh mi not an còmhnaidh.

Sann their mo bhancair's gàire na ghnùis:
"Do bheatha gu teachd an còmhnaidh
's carson a dh'iarras tu cho beag
's gun chrìoch ga chur roimh t'òrdugh;
Carson tha thu cho spìocach bochd,
's am Banca làn an còmhnaidh;
Carson a dh'fhalbhas tu le not,
's gum faigh thu fichead còmhla."

Chan eil am fichead-mìle deich cuairt
ach suim ro thruagh is brònach,
'n coimeas ri'n thaisg t'athair suas
na aon Mhac, Dia na glòire:
On tha mo bhancair beartach fial,
chan iarr mi an iasaid dolum,
oir chum e beò mi fad mo la
's a-maireach gheibh mo bheò-shlaint.

Ged bha mo ghearan mìltean uair
na 'chluais, cha d'rinn mo dhiùltadh;
Air uairibh thug mo bhancair fial dhomh
còrr na dh'iarr mi'n tùs air;
Air uairibh dhèanainn càil de dh'uaill
gun robh mi buadhach turnail,
ach ah! Mu'n cromadh grian an latha
bhiodh sporan fàs gun chuinneadh.

Air uairibh bhiodh rudhadh am ghruaidh,
aig doras fuar am aonar;
tha fios ma chumas Maois mi a-mach
gum bithidh mi caillt' gu cinnteach;
tha cinnt gun seas mo bhanc slàn
's nach failnich e gu sìorraidh
oir tha e'n ainm trì pearsa aon Dia
Iehobhah Triath nan Saoghal.

Ged bhiodh gach banc an Alba briste.
's an Sasainn mìltean còmhla,
rach thus' le d'not gu Sion Banc
Is t'iomlaid bithidh na h-òr dhuit;
's ged nach biodh agad ach aon not,
thoir thus' a-stigh gun sgath e,
thig dàn gu Banc saor nan gràs
tha am bancair a-stigh an còmhnaidh.

Gach airgead meallta theid a dhiùltadh,
tha de chuinneadh dhaoine,
mur d'aidich Dia do not a d'là
cha seas a là do chunntais;
Se iad-san tha gràdhaicht le Dia
a shaor e le fhuil phrìseil
Dha'm bithidh na notachan gu teachd,
dha'n tiodhlaic Dia gu saor iad.

Ged theireadh mìltean anam gràis,
a dh'fhairich bàs is caoile,
's a dh'fhairich peacadh, daorsa is plàigh,
is leagadh Adhamh daor dhaibh;
Gidheadh tha am banc de not'chan làn
's iad sgrìobht', seulaichte, saor dhaibh;
Ged dh'fhaodas anman bochd bhi an sàs,
bhith ag radh cha leam-sa a h-aon dhiubh.

'S tric sheòl as creideamh leanabh gràis,
gu bhith ag àicheadh fìrinn,
Ach innseam dhuit, anam fhèin-chaillte
is leat-sa not gu cinnteach;
Bu bheag an not a bh'aig an lobhar,
's fhuair e slàinte is saors' leis,
"A Thighearn ma's e do thoil,
tha'n comas agad daonnan".

Tha cunntas againn air duin' òg,
le bheartas mòr's le maoin aig'
's an leabhar Bancair mòr nan gràs
cha d'fhuaradh àit do'n aon ud;
Ach faic am meairleach air crann bàis
's am Bancair àrd ri thaobh aig'
Nuair ghlaodh e "Thighearan cuimhnich orm",
Ghrad fhuair e'n t-òr is chaochail.

 
Rannsaich
1997-12-05 CPD