Rannsaich

Éifeachd Fuil an Uain

le Pàdraig Grannd, Srath Spè

O sann tha'n èifeachd am fuil an uain,
chum ar n-euceartan ghlanadh uainn!
Ach's bochd an sgeul a tha nis ri leughadh,
nach eil spèis dhi a-rèir a luach.

Tha daoine gòrach air sheòl neo dhà,
nach àill leotha'n dòchas a chur na 'bhàs;
theid iad a dhìth le bhith dhìobhail eolais,
air'n fhuil chaidh dhòrtadh a chum ar slaint'.

'S an dream thug spèis da, cha dèan iad uaill,
bhon se chaidh ceusadh, an àit' a shluaigh;
chan ann diubh fhèin a fhuair iad an rèite,
ach leis an èifeachd bha'm fuil an Uain.

Se fhèin don èiginn an cumail suas,
nuair thig deuchainnean iomadh uair;
tha mheud de thruailleachd ag iadh mun cuairt doibh,
's nach fhaigh iad buaidh ach le fuil an Uain.

Tha daoine saoghalt' an gaol gach uair,
sann air na caoraich a thaobh on Uan;
's tha an leòghann beuchdach a ghnàth a' saothrach
dh'fheuch cò dh'fhaodas e shlugadh suas.

O fanaibh dlùth chum's nach toir e buaidh,
na tugaibh gèill dha, 's theid e uaibh;
's a shaighdean teinnteach ni sibh a mhùchadh,
bho'n rinn sibh cùmhnant le fuil an Uain.

Bithibh làidir fo armachd Dhè,
le creideamh slàinteil mar ur sgeith,
's nuair bhios an nàmhaid ag iarraidh fàth oirbh
le cainnt an t-Slànuighir dùinibh 'bheul.

Nuair bhios e feòraich am bheil sibh sgìth,
innsibh dha gun do bhàsaich Criosd;
's gu bheil gu leor ann na fhuil chaidh dhòrtadh,
's gum bithidh ur dòchas ann chun na crìch.

'N sin thig e 'n càirdeas, is their e fhèin
gur sibh-s' an àireamh tha'm fàbhar Dhè;
's ged a ghluaiseadh sibh nis mar's àill leibh,
gum bithidh sibh tèarainte feadh gach rè.

Ach innsibh dha gur iad càirdean Dhè,
aig a bheil aith'nta 's a nì d'an rèir;
an dream nach àicheadh an làth'r a shluaigh e
's a leanas an t-Uan ge b'e taobh a thèid.

Se cuilbheart Shàtain bhith làidir, treun,
tha fàgail chàirdean, gun ghràdh da chèil';
feuchaidh e fàillinnean doibh's na bràithrean,
dh'fheuchainn an tàr e an cur o chèil.

O's ann tha'm feum air bhith caithris, buan,
's a ghnàth bhi'g eigheachd ri Righ nan Sluagh;
oir chan eil nì chumas dùint' ri chèil' iad
mur dèan an èifeachd tha'm fuil an Uain.

Ach trid an Tì thug an t-sìth mun cuairt,
chan eil nì anns nach fhaigh iad buaidh;
cò a dhìteas neo leagas sìos iad,
's fear-coimhid Israeil gan cumail suas!

Air feadh an fhàsaich, se fhèin an cùl,
oir tha iad dha mar chlach a shùl,
's tha 'ghealladh gràsmhor nach dèan e 'm fàgail,
nuair thig am bàs gan toirt chun na h-ùir.

Trid Gleann a' Bhàis bidh e a ghnàth nan còir,
gus an sàbhalar iad fa-dheòidh;
's am bithidh iad tèarainte o gach namhaid,
anns a' Chànaan tha làn de ghlòir.

'S an uair bhios iad thall o na h-uile truaigh',
's a' cur an cèill cò thug dhoibh a' bhuaidh;
cha bhith a h-aon nach cuir ris a sheula
gur ann bha'n èifeachd am fuil an Uain.

 
Rannsaich
1997-12-07 CPD