Rannsaich

Marbhrann air Maighstir Tearlach Caldair

Rinn an Dr Domhnallach am marbh-rann seo air an Urramach Tearlach Caldair, (1748-1812) a bha roimhe fhèin na theachdaire/ministear air coithional na Tòisidheachd anns an Eilean Dubh. Bha grunn dhaoine ann an sinnsearachd Mhaighstir Chaldair nam ministearan. Chuir an Domhnallach 180 earrann don mharbhrann seo, gach earrann le ochd loighne. Chan eil an seo ach prasgan dhiubh sin.

1.
Fhuair sinn an sgeul bha dubhach brònach,
fhuair sinn an sgeul a lot's a leòn sinn,
a chuir o aighear sinn's o cheòl,
's gach neach dam b'eòl na chaill sinn;
Is fada farsaing chaidh an sgeul ud,
feadh Alba, Shasainn agus Eirinn,
a' frasadh teann a saighde geur'
's a' tabhairt lèir na h-oidhche dhuinn.

2.
Is e rinn dubhach sinn, is àireamh
's e rinn sinn muladach is cràiteach.
Gun tugadh uainn an n-aodhair àill'
se Maighstir Tearlach Caldair!
Is nach cluinn a chaoidh sinn on bheul ud,
fìor iomradh binn a' Chroinn-cheusaidh;
A theangaidh 'n-diugh fo ghlais an Eig
's e sud, a Dhè, ar n-ionndrainn.

23.
Is bha thu saothrach, fad do shaoghail,
a-measg chlann-daoin' as leth t'Fhir-saoraidh
a' nochdadh mach dhoibh seòl na saors',
's an GAOL thug gin is fàs dha;
Ach bha thu teagaisg mar an ceudna,
ar tuiteam bhronach ann an Eden,
a thug gach leòn is cràdh is pèin,
gu lèir air gineal Adhaimh.

24.
A dh'fhàg na laigh' iad an staid nàdair,
fo chumhachd peacaidh's innleachd Shàtain,
fo mhallachd Lagh' is binn a' bhàis
gu bràth, gun chomas èirigh.
Is iad gun sùil a ghabhadh truas riutha,
agus gun ghàirdean bheireadh fuasgladh,
mur tugadh Slànuighear nam buadh,
a bheatha suas mar Eiric!

25.
Is chuir thu an cèill mar chaidh an seòl ud
a chur air chois le Dia, na thròcair,
is anns na nochd E mach a Ghlòir
gu sonraicht' ann an Criosd dhuinn.
'S mar rinneadh Es' do mhic nan daoine,
le ar Dia, ann an doimhn' a Ghaoil-san
na Ghliocas, Fhìreantachd,'s na Shaors'
's na Naomhachd iomlan shiorraidh.

29.
Is fhuair thu tàlann air mhodh àraid,
bhith tarraing pheacach leat's gan tàladh,
le còrdaibh buadhach caomh a Ghràidh
se Gradh a' Chroinn-cheusaidh.
B'e an crann-cheusaidh t'àite-seasaimh,
is chuir thu'n cèill as sin do pheacaich,
gur ann an sud bha ac' gach fasgadh,
is teasairginn on lèir-sgrios.

30.
Oir,'n tèarnadh pheacach, air mhodh shonraicht',
'n sud choinnich Ceartas agus Tròcair,
is uile bhuadhan Dhè na Glòir,
is phog iad beul ri beul ann.
Oir sheas ri Ceartas suas am Buachaill,
le 'chlaidheamh laist' a-mach a thruaill aig',
is ghiùlan gaisgeach treun nam buadh
trom-bhualadh chlaidheimh ghèir ud.

31.
A leith'd de choinneamh riamh cha chualas,
a leith'd de obair riamh cha d'fhuair iad
Seadh, onair Diadhachd chumail suas,
is peacaich thruagh a shaoradh;
Am peacach nochdadh mach na 'uamhas,
's an fhearg a thoill e, shlugadh suas dhuinn;
is Dia bhith nochdadh iochd is truais,
gun truailleadh air a Naomhachd.

32.
Is ann an sud fhuair Ceartas dìoladh
is ann an sud fhuair Lagh co-lìonadh,
is ann an sud fhuair buadhan Dhia,
an riarachadh bha oirdhearc.
Is ann an sud chaidh'n Eiric ìocadh,
a cheannaich beath' 's a phàigh na fiachan,
is ann an sud a choisinn Criosd,
ar saorsa shìorraidh ghlormhor.

180. (bruidhinn air Caldair)
'S am fad bhios tonn ri tràigh a' bualadh,
am fad bhios feur a' fàs air cluainibh,
am fad bhios grian a' siubhal shuas,
an astar buan nan speur dhuinn;
Bithidh cuimhne is iomradh bhuadhach,
air a shaothar measg an t-sluaigh seo,
oir chionn gun d'leanadh i le buaidh,
bithidh luaidh ri fad gach rè oirr'.

 
Rannsaich
1997-11-19 CPD