Rannsaich

Obair an Spioraid

Iomradh air obair an Spioraid ann an sluagh Dhè.
Leis an Urr Dr Domhnall Domhnallach, Sgìre na Tòisidheachd, an t-Eilean Dubh.

O dhèanainn luaidh – nam b'urrainn mi,
Air obair Spioraid Dhè!
Mar tha i chaoidh r'a h-aithneachadh,
Na toradh is na beus.
Is fìor, tha a freumh tur fholaichte uainn;
Mar chraoibh san talamh shèimh,
Ach innsidh 'chraobh le toradh dhuinn,
gum bheil aic' bun is freumh.

Ach, Ughdair mhòir na h-oibre ud,
's a thobair beath' na slàint',
An cridheachaibh do phobuill-se;
O, cuidich leam sa chàs;
Is deònaich saors' is solus dhomh,
Is breithneachadh, tre ghràs,
Air t'obair, chum gum b'aithne dhomh,
A h-aithris ann mo dhàn!

O, thàinig mùthadh gàbhaidh oirnn;
's ro chràiteach e r'a luaidh;
Oir thuit gu lèir an Adhamh sinn,
Is dh'fhàgadh ann sinn truagh:
Ged chruthaicheadh gu glòr-mhor sinn,
chaill an t-òr a shnuagh;
's tha obair ghrinn an òr-cheird nis
Gu brònach, millt', is truaillt!

A-steach don t-saoghal thàinig sinn –
Fo bhinn a' bhàis gu truagh!
Don pheacadh nis is tràillean sinn,
's do Shàtain, thug oirnn buaidh!
'S na h-uile san staid bhrònaich ud,
Mar mhairbh gun deò san uaigh;
Gun chuideachadh, gun dòchas ac',
Ach rùisgt' do dhòruinn bhuain.

Ach rùnaich Dia o shiorruidheachd,
An diomhaireachd a ghràidh,
Seadh, peacaich chaillt', gu miorbhaileach,
Tre Chriosd, a thoirt gu slàint':
'S mar choisinn Esan saorsa dhoibh;
Tha Spiorad Naomh nan gràs
A' teachd a-mach gu'n naomhachd,
'S cur riu na saors' gu slàn.

'S gun cheist is iad an t-àireamh ud
A ghràdhaicheadh le Dia;
'S a thaghadh air mhodh ghràsmhor leis
Airson do bhàsaich Criosd.
'S ann riu-s' a-mhàin 'chomh-phairticheas
An Spiorad slàinte shìor;
Is anam dhiubh chan fhàgar leis,
Gu dol gu brath a sìos.

Tha 85 earrann sa phìos bhàrdachd seo. Na dhà fo dheireadh a tha as déidh seo.

Ach Dia nan gràs gun deònaicheadh,
A Spiorad dhòirteadh nuas!
Chum tional steach nam fògarach.
'S gach sean is òg a ghluas'd!
Gun dùisgeadh e na codalaich,
Gun eagal tha nan suain!
'S gu neartaicheadh e 'phobull-san,
Gu cogadh leis an Uan!

Ach, ciamar nithear sgeula leam,
Air Spiorad Dhè gu slàn;
Na obair dhìomhair èifeachdaich
Air 'phobull fhèin's gach àl?
Is obair shruth e'n Diadhachd i;
'S an Diadhachd tha a tàmh!
Seadh obair airson siorraidheachd!
'N seo criochnaicheam ma dhàn.

 
Rannsaich
1997-11-26 CPD