Rannsaich

Dìleas

Bha boireannach à Leòdhas, Seonag, a b' àbhaist a bhith ag obair aig Oifis an Luchd-Turais ann an Annan, ann an ceann a deas na h-Alba (agus 's dòcha gu bheil fhathast, cho fad 's as aithne dhomh). Aon turas thàinig am ministear a-staigh. Bha cuilean beag aige, agus dh' fhaighnich Seonag dheth dè an t-ainm a bh' air. Fhreagair am ministear nach robh e air ainm a thaghadh dhan chù fhathast. Dh' iarr e oirre dè am beachd a bh' aicese a thaobh ainm a bhiodh freagarrach dha.

"Uill", thuirt Seonag, "ann an Leòdhas 's iomadh cù air a bheil 'Dìleas' mar ainm. Tha e a' ciallachadh 'faithful' anns a' Ghàidhlig."

Bha am ministear glè thoilichte leis a' bheachd, agus chaidh e a-mach is e ag ath-aithris an fhacail 'dìleas' dha fhèin. Ach uair neo dhà a thìde às dèidh sin nach tàinig an duine bochd air ais.

"Bha mi a' smaoineachadh air an ainm a mhol thu dhomh", arsa esan, "agus chan eil mi cho cinnteach gur e ainm freagarrach do chù ministeir a th' ann. Saoil, nam bithinns' a' fosgladh doras a' mhansa gach feasgar agus mi ag èigheachd 'Dìleas' aig àrd mo chlaigeann, nach ann a bhiodh mo nàbaidhean a' smaoineachadh gur e 'Jesus' a bha mi a' glaodhadh!"

 
Rannsaich
Ridseard Watson a chuir an sgeulachd seo gu Gaidhlig-A ar 1998-01-12
1999-01-15 CPD