Rannsaich

An Dreuchd as Sine

Bha innleadair, dotair agus fear-lagha a' deasbaireachd ri cheile, gach aon dhiubh a' tagairt gur aige fhéin a tha an dreuchd as sine anns an t-saoghal.

Thuirt an dotair, "Bha mo dhreuchd-sa ann bho thùs. Chaidh Eubha a cruthachadh bho aisean de chuid Adhaimh. 'Se obair an lamh-lèigh a th'ann, gu cinnteach."

Thuirt an t-innleadair, "Mus tàinig an duine don chruinne-cé, chaidh an cruinne-cé a chruthachadh à mì-riaghailt agus àimhreit. 'Se innleadair a rinn an obair sin, gun teagamh."

Fhreagair am fear-lagha, "Agus có a-réist a tha sibh a' smaoineachadh a chruthaich a' mhì-riaghailt agus an àimhreit?"

Gluais:

Gàidhlig        Gaeilge          Beurla

innleadair      innealtóir       engineer
dotair          dochtúir         doctor
fear-lagha      dlíodóir         lawyer
deasbaireachd   díospóireacht    disputing
tagairt         éileamh          claiming
dreuchd         gairm            profession
lamh-lèigh      máinlia          surgeon
aisean          easna            rib
mus             sula             before
a-réist         mar sin          anyway, indeed
 
Rannsaich
Dennis King an chuir an sgeulachd seo don liosta Gaelic-L
1995-07-22 CPD