Sgeulachdan luchd-ionnsachaidh

Tha cuid de na sgeulachdan seo fìrinneach!

Gun urram!

Bha an duine seo déigheil air dìreadh nam beanntan. Mar sin, dh’fhalbh e às déigh a chùrsa Gàidhlig airson seachdain eile a chur seachad air monaidhean na Gaidhealtachd. Bha e air oidhreachd fad às. Bha e air cluinntinn gum bu chòir cead iarraidh roimh dol a choiseachd air na monaidhean. Mar sin, chaidh e suas dhan taigh mhór agus dh’fheoirich e den uachdaran aig an doras,

“Am faod mi sreap air do bhean?”

Bha Diùc Earra-Ghàidheal a’ fosgladh a’ Mhòid Nàiseanta.

“Fàilte chun a’ Bhod Rìoghail”, ars esan.

Bha an Ameireaganach seo ann an Uibhist ’s e a’ dol a chéilidh orra anns a h-uile taigh sa dùthaich ged nach biodh cuireadh aige.

Bha e a’ dèanamh air an taigh a bha seo nuair a thuit e ann am boglach, suas gu ’chom. Thòisich e ag éigheachd, “Help me! Help me!”. Thàinig a’ chailleach dhan doras agus bha i a’ coimhead ’s a’ coimhead feuch a’ faiceadh i có a bh’ann.

“Có ’siud?” dh’éigh i àrd a claigean.

“This is cold shit”, ars’ esan, “And I’m up to my waist in it.”

Bha fear ag iarraidh bhith ’na chomhairliche ann an Ath Tharracail. ’S e Sasannach a bh’ann, agus bha e math gu leòr air a’ Ghàidhlig a leughadh a-mach bho phàipear ged nach biodh e ga bruidhinn. Fhuair e cuideigin a sgrìobhadh òraid mhór dha anns a’ Ghàidhlig. Cha robh sràcan air coimpiutair aig an àm sin.

Thòisich an duine a’ labhairt.

“Fàilt’ oraibh”, ars esan, “gu Talla a’ Bhaile ann an Ath Tharracail. Tha mi toilichte ur faicinn an seo. Agus tha mi toilichte gu bheil mi comasach an òraid seo a thabhairt dhuibh ann an Gàidhlig.”

Agus mar sin air adhart gu deireadh na h-òraid nuair a thubhairt e anns a’ Ghàidhlig a b’fheàrr a bh’aige

“Tha mi an dòchas gum bi sibh uile dìcheallach dìleas agus sona nuair a thig sibh a-mach leis a’ Bhod Mhór Diardaoin aig Taghadh na Roinne.”

Bha gille anns na Hearadh agus an nighean a bha e suiridh leatha a’ tighinn dhachaidh aon oidhche nuair a chaidh iad air cùlaibh a’ chruach mhonadh. Bha am balach a’ smaoineachadh gun fhaodadh e cail sam bith a dhèanamh ach bha an t-eagal air an nighean. Nuair a thòisich e air feuchainn timchioll oirre, ’s ann a thòisich i air eigheachd,

“Fàg mi! Fàg mi”

cho cruaidh ’s a b’urrainn dhi.

Có a bha tighinn a-nuas an rathad ach Ameireaganach a bha air làithean saora agus chuala e an upraid. ’S ann a dh’éigh e a-mach gu sgiobalta,

“If you want me to **** you just wait til I get round there and pull my trousers down.”

Air léintean-T:

  1. Aig na mnathaibh: Tha mi ag iarraidh bigean Gàidhlig
    Aig na fearaibh: Tha bigean Gàidhlig agam
  2. Air a beulaibh: Tha mi ag iarraidh bod ...
    Air a cùlaibh: ...ach
  3. Buntata fuar
    ’Is sgatan grod
    Tog do léine
    ’Is seall do bhod

Ciod e am facal as fhaide a tha sa Ghàidhlig? - “eugsamhlachadh”? “bearradaireachd”? “claidheamhaireachd”?

Chan e, ach “caitheamh” oir tha barrachd is aitheamh ann!

(Air neo, ’s dòcha gu bheil “sléigeil” beagan nas fhaide buileach.)

Bha oileanach eile ann a bhiodh e a’ labhairt gu luath agus a’ giorrachadh nam facal. Anns a’ chlas a bh’ann bha na h-oileanaich ag innse mun weekend a bha air a bhith aca, agus dh’innis an duine seo mu choncert Celtic Connections ann an Glaschu agus mun fheadhainn a bha ’sa chòmhlan-ciùil.

“Bha (ge b’e có a bh’ann) a’ cluich air a’ ghiotar”, ars esan, “agus bha (ge b’e có a bh’ann) a’ cluich air a’ fideag’.”

“Dé ionnstramaid a bha seo a-réisd?” ars an té-teagaisg. “An ann air an fhìdeag a bha e a’ cluich?”

Bha am ministear seo aig diathad aig Taigh Òsda Eilean Iarmain, far am bheil a h-uile rud anns a’ Ghàidhlig. Chaidh an clàr-bidh a chur timcheall gu dèana iad taghadh de mhìlsean.

Piteag le uachdar”, leugh e.

Bha planaichean aig muinntir na coimhearsnachd airson an t-seann bhùth aig Eilen Iarmain a chleachdadh ann an dòigh ùr, agus bha Sir Iain deònach “backing” a thoirt dhaibh. Gu mì-fhòrtanach, nochd an aithris seo sa phàipeir sgìreil, “Thuirt Sir Iain aig a’ choinneimh gun cuireadh e bacadh ris a’ phròiseact.”

Bhiodh Ailig Bhaltois a’ dèanamh beagan teagaisg aig Sabhal Mór Ostaig bho àm gu àm. Bha e aig àm bìdh air an latha seo a’ suidhe faisg air té òg nach b’aithne dhà.

“Cait a bheil thusa ag obair anns a’ Cholaisde?”, arsa Ailig gu cairdeil.

Ach bha ise air beagan Gàidhlig.

“Could you repeat”, ars’ ise.

“Tha mi duilich”, ars’ Ailig. “Chan aithnichidh mi Pete. Cait a bheil esan ag obair?”

An an aiste a sgrìobh oileanach airson deuchainn: “Leabhar Aighear nan Ceist” (an àite “Leabhar Aithghearr nan Ceist”).
B’e sin an happy-clappy edition is dòcha!

Chaidh oileanaich an-Sabhail air cùrsa spòrs a-muigh tron Ghàidhlig aig Ionad Loch Éill ach bha beagan duilgheadas aca leis a’ chànan...


- Carson nach robh an stòbh toilichte?
- Oir gun robh a h-uile duine a’ cur a’ choire air

“Ich bin ein isbean,”, mar a thuirt an neach-ionnsachaidh à Frankfurt. (Feumaidh a’ Ghearmailtis a bhith agad gus sin a thuigsinn)

“Chan eil itealadh gam chur sìos no suas”, mar a thuirt a’ chailleach.

Bha an dà chailleach às na h-eileanan a’ coiseachd astar fada sa bhaile mhór air latha teth samhraidh.

“My feet is killing me”, arsa té dhiubh.

’S e mo chasan a tha goirt”, arsa an té eile.

Tha tuigse na Gàidhlig aig IKEA cuideachd, a-réir coltais.

“Cuir a-steach ann am pluga dealain” (Nochd seo mar eadar-theangachadh air “Insert into PowerPoint”)

- An cuala tu mu na oileanaich a thàinig a-mach às a’ chùrsa ùr psychology aig Sabhal Mór Ostaig?
- Tha iad uile ag obair ar an ceann fhéin a-nise!

(Agus chaidh iad gu co-labhairt agus bha i gu math inntinneach.)

A Scottish grammatical tract c.1640 (pdf)

- Carson a dh’fheumadh tùr a bhith anns na togalaichean ùra aig Sabhal Mór Ostaig?

- Gus nach bi daoine a’ caitheamh oirnn a thuilleadh gur h-e colaiste gun tùr a th’annainn!


2012-12-16 CPD