Cobhair gach Linn

  1. Ó Dhé, ar cobhair anns gach linn,
    Ar dòigh san tìm ri teachd;
    Ar dìdean Thu on ghaillinn ghéir,
    ’S ar dachaigh shìor gu beachd.
  2. Fo dhubhar sgàil do chathair-rìgh
    Do naoimh an sìth ghabh tàmh;
    Is leòr do ghàirdean treun g’ ar dìon,
    ’S chan adhbhar fiamh leinn nàmh.
  3. Mun sheas na cnuic an òrdugh grinn,
    ’S mun dhealbhadh fonn is cuan,
    Bho shìorraidheachd gu linn nan linn,
    Is Tusa Dia bith-bhuan.
  4. Oir mìle linn ad shealladh féin,
    Mar an là ’dé a tà;
    Mar cheò na fàire théid an céin,
    Aig éirigh gréin’ an àird.
  5. Tha tìm mar shruthan siùbhlach cas,
    Toirt leis gu bras gach neach,
    Do thìr na dìochuimhn’, ’s théid iad as,
    Mar théid an aisling seach.
  6. Ó Dhé, ar cobhair anns gach linn,
    Ar dòigh san tìm ri teachd;
    ’S gach teinn bi fhéin dhuinn ad fhear-dìon,
    ’S ar dachaigh shìor gu beachd.

le Isaac Watts
air a chur gu Gàidhlig le Aonghas MacEacharna

Fiosrachadh bho Life and Work, Na Duilleagan Gàidhlig:

Bha Isaac Watts (1674-1748) air fear de na bàird spioradail as ainmeile ann am Breatainn. Fad iomadh bliadhna na bheatha cha robh a shlàinte ach mì-chinnteach, ach chleachd e na tàlantan a fhuair e ann a bhith a’ sgrìobhadh laoidhean a tha air tlachd a thoirt do na mìltean. Ann an 1728 fhuair e Dotaireachd ann an Diadhachd o Oilthigh Dhùn Éideann. Chuir Watts sia ceud laoidh ri chéile, agus cluinnear móran dhiubh chun an latha an-diugh. Aig toiseach na bliadhna bidh an laoidh O God, oir help in ages past, air a sheinn ann an iomadh eaglais air feadh an t-saoghail. Tha an dàn seo air a stéidheachadh air an deicheamh salm thar cheithir fichead, agus còrr is ceud bliadhna air ais thionndaich Aonghas MacEacharna e gu Gàidhlig.

2014-11-16 CPD