Soills’ Air Mo Smuain
-
Dèan dhòmh-sa tuigse,
Cuir soils’ air mo smuain;
Dh’iarrainn gur Tu
Bhiodh ’gam stiùreadh gach uair;
Làmh rium ’s an oidhche
Is romhan ’s an tràth,
Réidh rium ’sa mhadainn
Agus glèidh mi tro’n latha.
-
Ceartas do m’ bhriathran
Agus fìrinn do m’ bheul,
Thusa toirt iùil dhomh
’S mi dlùth riut, a Dhè.
Athair, thoir gràdh dhomh,
Gabh mis’ thugad fhéin;
Cum mi ri d’ thaobh
Is bi daonnan ’nam chrè.
-
Dìon mi, a Thighearna,
Ri mo chliathaich ’s gach feachd;
Cum mi fo d’ sgiath
’S thoir dhomh misneachd is neart,
Fasgadh do m’ anam
Is mi ri d’uchd dlùth;
Treòraich mi dhachaigh,
Dhè chumhachdaich Thu.
-
Beartas cha’n fhiach leam
No miann chlann ’nan daoin’,
Thusa na m’ fhianais
Fad làithean mo shaogh’il;
Thusa, Dhè ghràsmhoir,
A-mhain na mo chrìdh’,
Le blaths is gràdh sìorraidh,
Mo thighearna ’s mo Rìgh.
© Céitidh Mhoireasdan agus Easbuigeachd Earraghaidheal is nan Eilean
Céitidh Mhoireasdan a dh'eadar-theangaich an laoidh seo bhon laoidh Bheurla, “Be Thou My Vision”, a tha e fhéin ’na eadar-theangachadh air dàn às an t-seann-Ghaedhilg, “Rop tú mo baile”. Chaidh a chlò-bhualadh bho chionn iomadh bliadhna anns an leabhar laoidhean “Seinnibh dhan Tighearna”.