An t-Alltan Dubh (A Hunting Song)

Seist: 

Tha ligh' an diugh 's an alltan dubh,
'S chan urra' mi 'dhol thairis air;
Tha eagal orm aig meud an t-struth,
Nach fhaigh mi'n diugh a' null air.

Rann: 

Tha'n t-alltan dubh cho bagarrach,
'S e'n dùil gun tìll e dhachaidh mi
Le 'thururaich, is le 'thartaraich,
Le 'bhagartaich, 's le 'bhùtaich.

Chì mi na daimh chroiceach thall
'S an lagan beag 's am b'àbhaist dhoibh
'S nan tiginn uair mu'n d'thàinig mi
Cha bhiodh iad slàn 's a' chunntais.

Saòil thu "'Mhorach nigh'n Fhionnlaidh"
An gléidh thu dhomh do ghealltanais!
Ma gheibh sinn thar an t-alltan seo
Nach toll thu fear de'n triuir ud!

Thubhairt "Morach," is i freagairt rium
Na cuireadh e bonn eagail ort
Nach faigh thu'm fear is treise dhiubh
Ma fhreagras do chuid fùdair.

'Nuair rainig mis' an t-àite
Far an do gheall i dhomh 'bhi sàbhailte
Bha mac nan sonn ri làr aice
Mu'n d'thug mi mhàin o m' shùil i.

Tha seachd bliadhn' is tamull ann
Bhòn thug mi a Srathcharrain thu;
'S i N'ic-an-t-saoir a cheannaich thu,
'S cha'n aithreach leam an cùmhnant.


SMO 1997-10-27 CPD