Breacan Màiri Uisdein

Séist: 

Am breacan bòidheach fasanta
Nach faighear anns na buithean
 Tha geal is gorm is scarlaid
Ann am breacan Màiri Uisdein.

Rannan: 

Ged tha mo guth air fàilneachadh
'S cho fad o'n d'fhàg mi'n dùthaich
Gun cuir mi rann 'sa' Ghàidhlig dhuibh
Mu breacan Màiri Uisdein.

'Nuair bha mi ris a bhuachailleachd
Air lòin is cluain mo dhùthcha,
Bhiodh brat a' cumail blàiths orm
De bhreacan Màiri Uisdein.

'S 'nuair thainig mi do Ghlaschu
'N duil r'a fhaicinn anns na buithean,
Chan fhaighear leud mo dhèarna ann
De bhreacan Màiri Uisdein.

'Nuair chì mi sgolb de Shasunnach
Le féile glas m'a ghlùinean,
Gun gluais e m'fhuil le tàmailte
Mu bhreacan Màiri Uisdean.


SMO 1997-10-27 CPD