Fágail Bharraidh (Leaving Barra)
by
"Bronnaidh" MacNéill
Nach saoil sibh fhein gur mi bha tinn
'S mo chridhe sgith fo leon
A' toirt mo chùl ri tìr nam beann,
Nan gleanntanan 's nan òb;
Troimh 'n Chaol Arcadh 'gabhail sìos
Sruth lìomadh bras mu' sròin,
Mi stiuradh cùrs' do'n aird an iar,
A' triall do Mhontreal
ha mo chridhe brùite ann am chom,
Gun shil gu trom mo dheoir
Nuair bha na h-Eileanan an iar
Dol sìos oirnn fo na neoil,
An t-aon sin dhuibh do bheil mo mhiann
'Ga thiodhlacadh 'sa cheo
An t-àite 's àill' an dèarrs' a' ghrian
'S ann iarrainn bhith ri m'bheo.
Dh'fhàg sinn pàrantan 'nar déigh
Gach fear 's té fo leon
Gach làtha 's oidhch' a' guidh air Dia
'Ar dìon bho aobhar-bròin
'Ar stuiradh sabhailte far sàil'
Gu tìr nam bàigh 's nan òb,
Gu Eilean Bharraidh tìr mo ghràidh
Far 'n d'fhuair mi m'àrach òg.
An tus an t-Samhraidh chleachd iad riamh
Bhi faighinn lìon air dòigh
'Gam beartachadh gu dol do 'n iar
A dh'iasgach airson lòin
An am an fheasgair bhith fàs ciar
'G an cur le pìos dh'e 'n t-seol;
'Sa mhaduinn mhoich mu'n éireadh grian
'Gan toirt gu dian air bord.
1997-10-27 CPD