Date: Sun, 23 Feb 1997 06:33:02 -0500 From: "Colin B. D. Mark" <106013.1234@CompuServe.COM> Subject: FIONNLAGH PIOBAIRE 1 Seo sgeul a fhuair mi ann an seann leabhar a bha air fhoillseachadh anns a' Ghiblean, 1897, faisg air ceud bliadhna air ais. Bha e air a sgrìobhadh leis an Urramach Tormod MacLeòid (Caraid nan Gaidheal). Rinn mi leth- bhreac dheth, cho fad 's a b' urrainn dhomh, dìreach mar a tha e a' nochdadh anns an leabhar (ach na stràcan a-mhàin).
A Mhàiri, a ghràidh,
Is bliadhna leam gach là o 'n a dhealaich mi riut fhèin is na pàisdean. Tha mi an dràst ann an Glaschu mòr nan stìopall, baile na gleadhraich. O nach robh mi aon uair eile am shìneadh air bruaich na h-aibhne, far nach cluinninn ach torman nan allt, bàirich nam bò agus ceilearadh nan eun.
Tha mi nis, mar a gheall mi, dol a dh' innseadh dhuit mar fhuair mi a-mach. Tha cuimhn' agad fhèin mar a dhealaich sinn. Thog mi orm le bocsa na pìoba gu beul a' chaolais. In ann an sin a bha an othail - Marsali Mhòr agus na buanaichean a bha leatha a bha aoibhinn, aighearach, 's ged nach biodh iad ach a' dol don choille-chnò. Cò a bha am broilleach na cuideachd ach Pàra Mòr le 'fhèile-beag 's le 'bhoneid, mar a b' àbhaist da; cuaille de bhata daraich 'na làimh, agus màileid de bhian gaibhre air a dhruim.
"Fàilt' ort, Fhionnlaigh Phìobaire", ars' esan; "gum meal thu do bhrigis."
"Ma-tà" arsa mise, "tubaist oirre. Is i so a' chiad uair a chuir mi orm i. Nam fuirgheadh i suas cha bu ghearan e; ach tha mi cheana cho sgìth dhith 's a bha dà-bhlianach eich de 'n ghad, a' chiad oidhche a chuireadh air e."
A-mach ghabh sinn an coinne soitheach na smùide, "A' Mhaighdean-Mhorairneach," mar their iad rithe. Bha i 'teannadh oirnn o Mhuile, a' cur na smùid di.
"Tha i so a' tighinn," arsa Pàra Mòr, "an aigeannach mhaol, ghrannda, le 'gleadhraich 's le 'h-ùbraid; cha b' ìoghnadh leam ach 'A' Mhaighdeann' a ràdh rithe; b' i sin a' mhaighdeann gun mhodh, gun eismeil."
Tharraing i oirnn le caoraibh bàna fo a sròin; a' slachdraich agus a' sloistreadh na fairge foidhpe, a bha ag èirigh 'na h-iomairean bàna, còbhragach a-nunn gu Aros. Thàinig i a-nuas oirnn a' bagradh ar smàladh fo a chuibhlichean. Fa-dheireadh stad a' bheist; agus cha luaith' a stad na cuibhlichean a dhol mu'n cuairt na thug feadan fada, caol, a bha suas ri taobh an t-simileir mhòir, aon ràn as, a shaoil mi a sgàineadh mo cheann.
Is an sin a bha an ùinich 's an othail, an dol ri cliathaich na luinge - a h-uile beul fosgailte san aon àm; gun urram fir d' a chèile. Ma's i Marsali Mhòr, thug i mach a' Bheurla nach do chleachd i o' n a bha i an uraidh air a' Ghalldachd. Cò ach ise! Bha Bheurla is a' Ghàidhlig am measg a chèile.
"Dèan fodha," ars' an dara h-aon.
"Nach iomair thu, mhic do mhàthar," ars' an t-aon eile.
"A-staigh an ràmh-braghad shuas; buille g' a deireadh shìos; na dèan thusa, Iain Bhàin."
"Cannie, cannie," 'illean," arsa Marsali Mhòr.
"Gu rèidh," ars' a h-uile h-aon.
Mur bhi mo nàire, 's mar bha mi ceangailte sa' bhrigis, bha mi mach a' snàmh gu tìr. Fa-dheireadh, thàinig ball cainbe le fead m' ar cluasan, agus ghlaodh gach neach, "Cùm air gu gramail. Iain Bhàin". Thug a' gheòla aon sàthadh aiste nunn gu taobh na luinge agus shaoil mi gun robh sinn thairis. Fhuair mi suas, ach chan fhios domh cionnas; agus cha mhò bha fhios agam c' àit an tionndaidhinn.
"Tha thu an sin, Fhionnlaigh," arsa Pàra Mòr "'mar bhò mhaoil am buaile choimhich.' Thig leam a dh' amharc mionach na Maighdinn so fhèin, a dh'fheuchainn an tuig sinn mar tha 'bheairt ìnnleachdach ag iomairt."
Ach, ma chaidh, is ann an sin a bha am fire-faire - sailthean iarrainn agus slatan a' gluasad a nunn agus a nall, a sìos agus a suas, air an ais agus air an adhart, gun tàmh gun stad; cnagan agus gòbhlan, agus eagan a' freagairt d' a chèile; cuibhlichean beaga 'nan deann ruith mu na cuibhlichean mòra.
Bha duine truagh am measg na h-acfhainn, a' cur na smùid deth, far nach saoileadh tu am b' urrainn do luch dol gun a milleadh; ach bha esan a' dol air feadh na h-ùpraid cho neo-sgàthach 's a rachadh Pàra Mòr no mise am measg nan caorach - ag armadh gach acfhainn, achlais, udalain agus feadain le h-ola agus le h-ìm.
"A dhuine thruaigh," arsa Pàra Mòr, "is ann agam nach eil sùil ri d' àite. Is daor a tha thu a' cosnadh d' arain".
"C' arson?" ars' esan agus e a' tionndadh suas a shùl, a bha a' snàmh ann am fallas. Ged a labhradh a' gheimhleag iarainn a bha 'na làimh cha b' urrainn duinn barrachd ìoghnaidh a bhith oirnn na an uair a chuala sinn anduine so a' labhairt na Ghàidhlig.
"Nach do shaoil mi," arsa Pàra Mòr, "gur Sasunnach, no Eireannach, no Gall bochd a bh' ann."
Thàinig e nìos a' siabadh an fhallais o 'ghnuis le bad còrcaich a bha 'na làimh, agus thòisich e air beachd a thoirt dhuinn air an acfhainn. Ach, eudail, b' e sin an fhaoineis.
"An saoil thusa, Phàra Mhòir, arsa mise, nach ann sa' cheann a smaointich an toiseach air so a bha an ìnnleachd?"
"Coma leam e fhèin 's ìnnleachd!" arsa Pàra Mòr; "Is mì-nàdurra, peacach, an ìnnleachd so fhèin - a' cur sruth agus soirbheas an Fhreasdail g' an dùlan, a' dol nan aghaidh gun seòl, gun ràmh. Coma leam i! - chan eil an ìnnleachd so cneasda. B' fheàrr leam a bhith ann an geòla dhubh Acha- na-creige - Eòghan an Rudha air an stiùir - a' ruith le croinn rùisgte troimh Bhuinne-nam-biodag, na a bhith innte. Tha mi ag ràdh riut nach eil an ìnnleachd so cneasda."
An uair a bha sinn a nunn gu ceann Mhùsdail chuala mi fhèin sgal pìoba air mo chùl, agus air dhomh tionndadh cò a bha ann an so ach balach ronnach de mhuinntir Thir-idhe, a' gleusadh na pìoba fhad 's a bheireadh duine eile cuairt aisde.
"Ma-thà," arsa Pàra Mòr, "'Is ceannach air an ubh an gloc.' Ciamar a tha so a' còrdadh riut, Fhionnlaigh?"
"'Is searbh a' ghlòir,'" thuirt mise, "'nach fhaodar èisdeachd.'"
Chluich e, fa-dheireadh, "Bodach nam Brigisean," agus mun do sguir e dheth bha mi cho sgìth dheth fhèin agus d' a cheòl 's a bha mi de 'n bhrigis lachdainn.
Cò a bha an deireadh na luinge ach Alasdair Ruadh Mac-Iain-Abraich, Tighearna Chola. Mhothaich e dhomh fhèin agus smèid e orm. Cha robh math a dhiùltadh.
Bha mòran uaislean shìos leis air clàr-dheiridh na luinge - Sasunnaich, Goill agus Frangaich - cuid dhiubh a' leughadh; cuid na 'n cadal; cuid a' mèananaich; cuid ag itheadh. Bha fear dhiubh le gloin'- amhairc fhada rìomhaich r' a shùil, mar gum biodh e a' dol a losgadh air Caisteal Dubhairt. Mhothaich mi fear fada, caol, glas-neulach, le speuclair air a sròin, agus bioran ruadh na 'làimh, leis an robh e a' tarraing dealbh a' Chaisteil. Bha baintighearna mhòr, rìomhach na 'm measg, agus measan leibideach de chù beag molach, na 'h-uchd, ris an robh i a' briodal, agus ga phògadh.
Thug mi fhèin a mach na pìob mar a dh' iarr; ach a' chiad sgal a thug i, theich gach aon dhiùbh ach aon Sasunnach mòr, reamhar, a shuidh mu m' choinne le 'dhà mheur na 'chluasan, agus sgraing air mar gum bithinn a' dol g'a itheadh.
Ma bha ceòl am measg nan uaislean, bha ceòl is dannsadh an ceann eile na luinge. Ach an uair a bha sinn a' dol sìos gu Easdeal 'chaidh an ceòl air feadh na fìdhle'. Bha an fhairge na 'mill agus na 'gleanntan. Thòisich soitheach-na-smùide fhèin ri dannsadh. Cha robh ràn a bheireadh am feadan mòr as nach saoileadh tu gun robh muc-mhara r' a cliathaich. Cha chluinneadh tu a nis ach ach osnaidhean o gach àite. Bha an Sasunnach mòr a bha a' fochaid air a' phìob, agus a cheann thar beul-mòr na luinge, an impis sgàineadh.
"An tuilleadh teannaidh ort!" arsa mise; "neo-ar-thaing mur eil pluic pìobaire ort fhèin."
Ràinig sinn an Crìonan.
"Is prìseil," arsa Pàra Mòr, "a' chas air tìr" - a' chiad fhacal a thàinig as a cheann o 'n a chaidh sinn seachad air Bèul Loch-Faochann.
An là-ar-na-mhàireach ràinig sinn Ghlaschu, aig àite ris an abair iad am Broomielaw. B' e sin ceidhe na h-ùpraid - luingeis-na-smuid a' falbh agus a' teachd làn sluaigh; mar gum biodh an saoghal a' dol do Ghlaschu agus an saoghal a' teicheadh às. Bho nach dh' fhàs mi bodhar leis a' ghleadhraich a bha am chluasan cha chùram leam gun caill mi mo chlaisteachd tuilleadh.
Bha sreath dhaoine air an tarraing suas fa chomhair nan soithichean, le ball cainbe mu ghuala gach aoin diùbh, agus bràiste rìomhach air uchd. Bha iad so a' smèdeadh oirnn mar a bha sinn a' dol gu tìr, a h-uile bèul fosgailte mar gum biodh iad a' cur fàilte oirnn; gach làmh sìnte agus gach sùil siùbhlach mar gum biodh iad ag iarraidh luchd-eòlais. Bha aon fhear gu h-àraidh a shocraich a shùil orm fhèin, agus air dhomh amharc air gu geur a dh' fheuch an cuimhnichinn cò e, chuir e a làmh r' a aid, agus chrom e a cheann cho modhail, shìobhalta, 's nach b' urrainn domh gun an fhàilt' a fhreagairt. Ann an priobadh na sùla bha e air clàr na luinge, agus thog e leis bocsa mo phìoba agus màileid Phàra Mhòir, cho èasgaidh 's a ghlacadh Gàidsear Thobar-Mhòire buideal uisge-bheatha, gun chuireadh, gun chead.
"Air d' athais," arsa Pàra Mòr; "an cuala tu riamh, mo ghille math, mar a thuirt clag Sgàin, 'An rud nach buin duit, na buin dà.'?"
"Leanaibh mise a dhaoine uaisle," ars' an duine, agus e a' falbh cèum romhainn.
"Is ann sa' bhaile-mhòr fhèin," thuirt mise, "a tha am modh. Is fhad o 'n a chuala mi gum bi 'gille aig an fheannaig fhèin a's t-fhoghar.'"
Dh' iarr sinn air an toirt gu taigh Eòghain Oig, far an do rinn iad ar beatha gu cridheil.
Slàn leat, a Mhàiri, a ghràidh, air an àm. Cuiridh mi litir eile ad ionnsaigh ann an ùine ghoirid, an uair a gheabh mi cosnadh. Chan eil thu fhèin agus na pàisdean tiota as mo chuimhne. O bi furachair mu Lachann beag, mo chuilean gaolach.
Am Freasdal a bhith maille riut,
- guidhe dùrachdach d' Fhir-phòsda ghràdhaich,
FIONNLAGH MAC-AONGHUIS