Rannsaich
Date:         Sat, 26 Aug 1995 11:30:37 -0700
Sender: Gaelic Language Bulletin Board 
From: Dennis King 

Sgeulachd airson luchd-ionnsachaidh às An Seanachaidh, leabhar leughaidh Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh an 1936.

A story for learners from An Seanachaidh, a Scottish Gaelic reader that was published in 1936.

The right hand column is not a complete translation, just key phrases to help beginners make their way through the original.


        Bha bean fear-coimhid an Eilean         | wife of a watchman
Shanntraigh, agus bha coire aice.  Thigeadh     | had cauldron.  Would come
bean-shìth a h-uile latha a dh'iarraidh a'      | fairy woman ... to get
choire.  Cha chanadh i smid an uair a thigeadh  | wouldn't say a word
i ach bheireadh i air a' choire.  An uair a     | when would take hold of
bheireadh i air a' choire theireadh bean an     | housewife would say:
tighe:                                          |
        Is treasa gobha gual                    | Smith stronger for having
        Gu iarunn fuar a bhruith;               | coal to heat cold iron;
        Dleasnas coire cnàimh                   | Duty of caulron is a bone
        Is a thoirt slàn gu tigh.               | & bringing it home safe.
                                                |
Thigeadh a' bhean-shìth air a h-ais a h-uile    | would come back
latha leis a' choire, agus feòil is cnàmhan     | with meat and bones
ann.                                            | in it
                                                |
        Latha bha'n sin bha bean-an-tighe       | one day it was
airson dol thar an aiseag do Bhàgh a'           | wanting to take ferry to
Chaisteil, agus thubhairt i r'a fear, "Ma their | said to her man, If you
thusa ris a' bhean-shìth mar a their mise,      | will say ... as I say
falbhaidh mi Bhàgh a' Chaisteil."  "U! Their,"  | I will leave for Castlebay
ars esan, "is cinnteach gur mi their."          | said he, sure I'll say
                                                |
        Bha e snìomh sìoman fraoich gus a       | twisting heather rope
chur air an tigh.  Chunnaic e bean a' tighinn   | to put on house
is faileas as a casan is ghabh e eagal roimhpe. | spectre... afraid of her
Dhruid e an dorus is stad e d'a obair.  An uair | shut door, stopped working
a thàinig i do'n dorus, cha d'fhuair i an       | she didn't find
dorus fosgailte, is cha d'fhosgail esan di e.   | door open, he didn't open
                                                |
        Chaidh i os cionn toll a bha air an     | went above hole in house
tigh.  Thug an coire dà leum as, is air an      | took two leaps
treas leum dh'fhalbh e mach troimh dhruim an    | third leap went out roof
tighe.  Thàinig an oidhche ach cha tàinig       | night came but cauldron
an coire.                                       | didn't come
                                                |
Thill a' bhean thar an aiseig is chan fhaca i   | returned... didn't see
dad de'n choire a stigh, agus dh'fhoighnich i   | anything of the c....asked
càite an robh an coire.  "Matà, is coma leam    | "Well, I don't care
càite bheil e;" ars a fear, "cha do ghabh mi    | "I never took
riamh a leitheid de eagal 's a ghabh mi roimhe. | such a fright...
Ghabh mi eagal, is dhùin mi an dorus, is cha    | I got scared... shut door
tàinig i tuilleadh leis."  "A dhonain dhona!"   | didn't return with it
ars ise, "dé rinn thu?  Is dithis a bhios go    | two people who'll be
dona, thu féin agus mise."  "Thig i am          | bad off ... she'll come
màireach leis," ars esan.  "Cha tig," ars ise.  | tomorrow with it... won't
                                                |
Sgioblaich i i féin is dh'fhalbh i is ràinig    | tidied herself...went..
i an cnoc, is cha robh duine a stigh.  Bha e an | reached hill, no one within
déidh na dinnearach, is bha iad a mach am beul  | after dinner...they outside
na h-oidhche.  Ghabh i stigh.  Chunnaic i an    | at dusk.  went in... saw
coire is thog i leatha e.  Bha e trom aice, is  | and took it with her, heavy
an còrr a dh'fhàg iad ann.                      | remainder they left in it
                                                |
An uair a chunnaic am bodach a bha a stigh ise  | old man who was inside saw
a' dol a mach, thubhairt e:                     | her going out, said
                                                |
        A bhean bhalbh, a bhean bhalbh!         | Mute woman, mute woman who
        A thàinig oirnn á tìr nan sealg;        | came on us from land of hunt
        Fhir a tha'n uachdar a' bhrugh          | Hey man on top of the mound
        Fuasgail an Dubh is leig an Garg.       | Release Black, loose Fierce
                                                |
Leigeadh an dà chù ma sgaoil, is cha b'fhada    | let go two dogs, not long
a bha ise air falbh an uair a chuala i sreathail| gone, when she heard yelp
nan con a' tighinn.  Ghléidh i an còrr a bha    | of dogs coming... kept rest
anns a'choire air alt is nam faigheadh i leatha | in c. so that if she got
e gum bu mhath, is nan tigeadh na coin          | it, good...if dogs come
gun tilgeadh i orra e.                          | would throw it at them
                                                |
Dh'fhairich i na coin a' tighinn, is chuir i    | heard dogs coming, put
làmh anns a' choire, thug i am bòrd as is       | hand in c., took lid off
thug i dhaibh ceathramh de na bh'ann.  Thug iad | gave quarter of what in it
an aire treis air sud.                          | paid heed a while to that
                                                |
Dh'fhairich i a rithis iad,  is thilg i pìos    | heard again... threw
eile orra an uair a chas iad oirre.  Dh'fhalbh  | when they approached her
i ag coiseachd cho math 's a dh'fhaodadh i.  An | walking well as she could
uair a ràinig i dlùth air a' bhaile, thilg i    | reached close to village
a bheul fodha, is dh'fhàg i an sud aca na       | upside down, left them
bh'ann.  Bhuail coin a' bhaile air comhartaich  | village dogs started bark
an uair a chunnaic iad na coin shìthe a' stad.  | saw fairy dogs stopping
Cha tàinig a' bhean-shìth riamh tuilleadh a     | fairy woman never came
dh'iarraidh a' choire.                          | again to ask for cauldron

                           * A' Chrìoch *

Tha téip leis an sgeulachd seo agus sgeulachdan eile ri cheannachd bho Taigh na Teud.

 
Rannsaich
1995-10-07 CPD