Tha mise laighe an nochd
Le Muire le ' mac
Le màthair mo rìgh
'Gam dhìon o gach olcLaighidh mi le Dia
Laighidh Dia liom
Cha laigh mi leis an olc
Cha laigh an t-olc liomChrois naoimh 's na h-ainglean
O mullach mo chinn gu troighean mo bhonnGuidhe Peadair guidhe Pòl
Guidhe Muire òg 's a mac
Guidhe mise dà abstol deug
Gun mise dhol a dh'eug an nochdÓ Chrìosd cumhachd na glòire
Seachain mi o theine sìorraidh
Ó cho ìosal dorcha dùinte
M'anam air mo dheas làimhMhìcheil àraidh àrd-aingeal
Seachain mi o theine sìorraidh
An nochd agus gu sìorraidh
Amen
bho Ailig Tormod Uisdein Mhic Ruairidh Uisdein, Mac a' Phì - Vermilion, Alberta, Canada
'S ann às Iochdar, Uidhist a Deas a bha athair 's màthair Ailig Thormoid. Chaidh iad a-null a Chanada ann an 1923, agus Ailig Tormod bliadhna dh'aois.
Dh'ionnsaich Ailig Tormod an t-ùrnaigh seo bho mhàthair, Cairstìona Nic a' Phì (NicCuinn), piuthar athar Mhaighstir Aonghais MhicCuinn, Barraidh.
Tapadh leat do Iain Mac a' Phearsain, oileanach an t-Sabhail, airson lethbhreac dheth.