Seo cunntas air a' chiad chòmhrag a bha aig Uilleam Uallas leis na Sasannaich, bho _Eachdraidh na h-Alba_ le Aonghas Mac Coinnich, a chaidh fhoillseachadh ann an 1867.

[Wallace's first run-in with the English, from an old history book. A vocabulary list follows.]

Uilleam Uallas

Tha luchd-eachdraidh ag innseadh, a' measg sheanachasan eile mu thimchioll, gu'n robh e là àraidh ag iasgach ann an amhainn Inbhir a bha 'na choimhearsnachd. 'An àm dha bhi pilleadh dhachaidh, còmhladh ri balachan a bha 'giùlain an éisg a ghlac e, ann am bascaid, choinnich dithis no thriùir dheth na saighdearan Sasunnach e, a bhuineadh do Ghearaston Ara. Rinn na saighdearan gu neo mhodhail, air son am bascaid leis na bh'ann a thoirt o'n bhalach. Bha Uallas deònach roinn de na bric a thoirt doibh. Ach o nach biodh na Sasunnaich riaraichte le ni bu lugha na 'n t'iomlan, thàinig na fir o fhoclaibh gu buillibh. Cha robh armachd aig Uallas ach a shlat- iasgaich. Le ceann reamhar na slaite bhuail e buill' air fear de na saighdearan 'sa cheann leis 'an do mharbh e air a bhad e. Thug e grad thàmhadh air claidheamh an duine mhairbh, 's chog e co duineil leis 's gu'n do chuir e càch gu teicheadh, 's gu'n d'fhuair e dhachaidh leis a' bhascaid éisg slàn, fallain. Ach b'éigin da teicheadh air son a bheatha, 's a bhi fo'n choill car ùine, 's an déigh sin àit eile de'n dùthaich a thoirt air far nach robh an gniomh co aithnichte.

FACLAIR

(More modern or alternative spellings given in [square brackets])

luchd-eachdraidh - historians (lit., people of history)
seanachas [seanchas] - oral history; traditional story
mu (a) thimchioll [thimcheall] - about him
àraidh - certain, particular
coimhearsnachd - neighborhood
'an àm dha bhi pilleadh [a bhith a' tilleadh] - when he was returning
(a)' giùlain [giùlan] - carrying
choinnich - met
dithis - two (persons)
a bhuineadh do - who belonged to
rinn... air son... am bascaid a thoirt - made an attempt to take the basket
gu neo mhodhail - impolitely
leis na bh'ann - with what was in it
roinn de na bric - some of the trout (roinn = part, portion)
o nach biodh X - since X would not be
riaraichte - satisfied
ni ba lugha na 'n t'iomlan [an t-iomlan] - anything less than the whole
o fhoclaibh gu buillibh - from words to blows (-ibh is old dative plural)
armachd - arms, armament
ceann reamhar na slaite - the thick end of the rod
leis 'an do mharbh e - with which he killed
air a bhad - on the spot
grad thàmhadh - a sudden or quick grab (?)
chog - fought
co [cho] duineil - so manfully
's gu'n [gun] do chuir e - (and) that he put
càch - the others
teicheadh - fleeing, flight
's gu'n [gun] d'fhuair e dhachaidh - and that he got home
slàn, fallain - safe and sound
b'éigin da - he had to
a bhi [bhith] fo'n choill - to be hiding out in the woods
car ùine - for a while
àit eile de'n dùthaich a thoirt air - make for another part of the country
far nach robh an gniomh [gnìomh] - where the deed was not
co [cho] aithnichte - so well known

Air a chur gu GAELIC-L le Donnchadh King, 1995-10


SMO 1995-10-23 CPD