Fàilte ort gu Cobhair Opera, a tha ag innse dhut a h-uile rud as cudthromaiche mu dheidhinn Opera.
'S e "sealladair Eadarlìn" a tha ann an Opera, prògram a chleachdas tu airson a dhol a chèilidh air duilleagan Eadarlìn. 'S urrainn dhut cuideachd post-dealain a leughadh le Opera, agus naidheachd (Netnews), agus brathan teachdaireachd-sa-bhad (instant messaging) a sgrìobhadh.
Tha tòrr mòr fiosrachaidh mu dheidhinn Opera ri fhaighinn air an Eadarlìon. Ma tha thu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh na tha ri fhaighinn sa cobhair seo, feuch na ceanglaichean seo.
Gliocas: Airson cobhair a lorg sa stòras fiosrachaidh aig Opera mu dheidhinn cuspair air choireigin, mar eisimpleir craicnean, sgrìobh "o skins" san fhaiche seòlaidh aig Opera.
Ma tha duilgheadas agad a' dèanamh ceangal ris an Eadarlìon, dearbhaich an toiseach gu bheil na gnòthaichean seo ceart gu leòr:
Mura chuidich sin thu, feuch na leanas:
Air uairean 's iad gnòthaichean nach gabh leigheas is coireach nach eil thu a' faighinn stuth bhon Eadarlìon:
Ma tha prògraman eile Eadarlìn ag obrachadh air a' choimpiutair agad agus nach eil Opera, rach gu Opera Support gus cobhair a lorg.
Ma tha thu air son 's gum bi na ceanglaichean gu "English" ag obrachadh sa Cobhair seo, feumaidh Opera sa Bheurla a bhith stàlachaichte air a' choimpiutair agad, a bharrachd air Opera sa Ghàidhlig.
Gheibhear athbhreac ùr de Opera airson diofar siostaman agus diofar cànanan bho na duilleagan download aig Opera Software.
Nuair a bhios tu air Opera a tharraing a-steach dhan choimpiutair agad, cuir am prògram stàlachaidh a' ruith agus lean an treòir a bheir e dhut.
Tha Opera a' tighinn saor 's an-asgaidh agus a' nochdadh shanasan-reic ann an raon gu h-àrd air an taobh-dheis den sgàil. Tha trì roghainnean agad:
Ma tha thu airson Opera a ruith saor 's an asgaidh, faodaidh tu na cuspairean anns a bheil ùidh agad a chlàrachadh sna roghainnean sanasachd agus gheibh thu sanasan a tha nas freagarraiche dhut.
Tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Opera a stàlachadh
Ma tha thu airson Opera a cheannach airson a bhith ga chleachdadh às eugmhais shanasan-reic, dèan tadhal air an fhrithealaiche urrasach againn.
An dèidh dhut Opera a cheannach, gheibh thu fiosrachadh clàraidh, mar as trice anns a' phost-dealain. Rach gu "Clàraich do lethbhreac de Opera" fon chlàr-taice Cobhair agus cuir a-steach am fiosrachadh clàraidh gu faiceallach. Gheibh thu treòir sa bhrath dealain.
Tuilleadh fiosrachaidh mu Opera a chlàrachadh
Seo beagan treòire airson daoine nach eil eòlach air an Eadarlìon:
Ionnsaich barrachd mu dheidhinn stiùireadh tron Eadarlìon
Tha an liosta seo a' sealltainn cuid de na comasan bunaiteach aig Opera:
| Comharraidhean- lìn |
An trusadh agad de cheanglaichean gu duilleagan-lìn | Ctrl + Alt + B |
|---|---|---|
| Eòlaich | Tasgaich fiosrachadh mu na caraidean agus na h-eòlaich agad | Ctrl + Alt + C |
| Làn-sgàilean | Cleachd an sgàilean gu lèir airson duilleagan-lìn no taisbeanaidhean a shealltainn | F11 |
| Gnìomhan lucha | Cleachd an luch airson na gnìomhan as cumanta | Ionnsaich |
| Eachdraidh | Faigh liosta de na duilleagan gu lèir a chunnacas sna làithean mu dheireadh | Ctrl + Alt + H |
| Briog beò | Cuimhnich no eadar-theangaich facal ann an duilleig-lìn, no lorg e ann am faclair no air an Eadarlìon | Briog-dùbailte air an fhacal |
| Roghainnean | Gleus Opera airson na dòigh obrach agad fhèin | Alt + P |
| Sireadh | Lorg teacsa am broinn na duilleig a tha thu a' leughadh, no rannsaich an t-Eadarlìon gu grad an compàirt ri Opera fhèin | Shift + F8 |
| Aithghearraidhean meurchlàir |
Cleachd am meurchlàr airson iomadh rud | Ionnsaich |
| Leudachadh/ lùghdachadh |
Gluais a-steach air duilleag gu lèir, no gluais a-mach airson sealladh farsaing fhaighinn | + agus - àireamhail |
Cuimhnich cuideachd, tòrr de na rudan a bhios tu a briogadh orra gu h-àbhaisteach leis a' phutan chlì, ma nì thu briog orra leis a' phutan dheas gheibh thu clàr-taice le iomadh roghainn.
Dlì-sgrìobhaidh © 1995 - 2002 Opera Software ASA. Na còirichean gu lèir glèidhte.