Tha plug-ins a' cur ris na comasan a tha aig sealladair Eadarlìn stuth compàirteach ioma-mheadhan a shealltainn ann an duilleagan-lìn.
Ma chunnaic thu riamh bhideò ann an uinneig shealladair, tha e dualach gun robh an sealladair a' cleachdadh plug-in.
Plug-ins a' tighinn còmhla ri Opera
Tha Opera a' tighinn leis a' phlug-in chliùiteach Shockwave Flash bho Macromedia stàlaiche mu-thràth.
A' stàlachadh phlug-ins a bharrachd
Ma thig thu tarsainn air duilleig-lìn a tha feumach air plug-in nach eil stàlaichte air a' choimpiutair, thig putan mar seo am follais air an duilleig.
Briog am putan airson fiosrachadh fhaighinn mun phlug-in a tha a dhìth
Faigh am plug-in bhon Eadarlìon
Ma dh'aithneachadh am plug-in, briog
airson am plug-in fhaighinn bhon làraich aig solaraiche a' phlug-in
Mura dh'aithneachadh am plug-in, theirig dhan duilleig phlug-in aig Opera airson fiosrachadh fhaighinn m'a dheidhinn, no cleachd an goireas rannsachaidh-lìn aig Opera airson fiosrachadh fhaighinn mun phlug-in àraidh seo
Stàlaich am plug-in air a' choimpiutair agad
Ma dh'fheumas tu sealladair a thaghadh, tagh Opera no Netscape
Ma dh'fheumas tu pasgan a thaghadh, thoir ruith gus an ruig thu am pasgan far a bheil Opera stàlaichte agus tagh am pasgan "plug-in"
Tagh Mu dheidhinn Opera fo Cobhair air a' phrìomh chlàr-taice airson faighinn a-mach cà bheil am pasgan plug-in agad
Nuair a bhios am plug-in stàlaichte, till air ais gu Opera agus tagh Roghainnean fo Faidhle
Tagh "Ioma mheadhan", agus briog
Briog
ma chuirear ceist ort mu cho-cheangail a dhèanamh ri seòrsaichean faidhlie
Briog
airson Roghainnean fhàgail
Ath-luchdaich an duilleag airson a faicinn leis a' phlug-in ùr agad
Mura a bheil thu fhathast comasach air an stuth fhaicinn, leugh am fiosrachadh mu phlug-ins air an làthraich-lìn aig Opera.