AN t-AGALLAMH TÒISEACHAIDH Nuair a thòiseachas tu Opera, chì thu bogsa-agallaimh far an dèan thu roghainn eadar dà phrìomh dhòigh obrach: a) Uinneagan am broinn Opera Bidh na h-uinneagan Opera gu lèir am broinn an aon lethbhreac de Opera. (Multiple Document Interface) b) Uinneagan air bàrr an deasca Bidh lethbhreac fa leth de Opera a' ruith airson gach uinneag (Single Document Interface) Briog air dealbh airson taghadh a dhèanamh. Cha ghabh an roghainn seo atharrachadh fhad 's a tha Opera a' ruith. . . . . . . . . . . . . . . . . . . A bharrachd air seo, is urrainn dhut taghadh a dhèanamh air na h-uinneagan a sheallas Opera nuair a thòiseachas e: a) Lean air aghaidh mar a bha thu nuair a sguir thu an turas mu dheireadh b) Nochd trusadh de uinneagan a shàbhail thu roimhe c) Nochd an duilleag tòiseachaidh (duilleag dachaigh) as fheàrr leat d) Tòisich gun uinneagan Ma tha thu airson 's gun tòisich Opera mar seo gach turas, tagh am bogsa "Na faighnich dhìom a-rithist" . . . . . . . . . . . . . . . . . . Ma stadas Opera gu grad air sgàth trioblaid air choireigin, tha an t-agallamh tòiseachaidh an còmhnaidh a' tighinn am follais an ath-thuras a thòiseachas tu Opera, gus taic a thoirt dhut ann a bhith a' an a' rèiteachadh na trioblaid. Ma mhaireas an trioblaid, feuch "Tòisich gun uinneagan". Uaireannan tha an trioblaid a' buntainn ri conaltradh air an lìon. Ma tha thu gu math eòlach air conaltradh coimpiutaireachd, 's urrainn dhut na roghainnean conaltraidh atharrachadh. ---------------------------------------------------------------------- Dlì-sgrìobhaidh (c) 1995 - 2002 Opera Software ASA. Na còirichean uile glèidhte.