Fàilte gu Opera! Airson cobhair fhaighinn mu dheidhinn tòiseachaidh, fosgail an t-siostam cobhrach, a gheibh thu le "F1" a phutadh air do mheurchlàr no le "Cobhair/Clàr-innse..." a thaghadh. Tha iùl an-sin airson luchd-tòiseachaidh. Ma 's fheàrr leat gun a bhith a' faicinn a' chlàir shanasachd a tha san oisinn shuas air an taobh dheis de Opera, gheibh thu cuidhteas dheth ma chlàrachas tu do lethbhreac de Opera. Tagh "Cobhar/Ceannaich Opera" airson barrachd fiosrachaidh fhaighinn. Tha Opera a' leigeil dhut an seòrsa sanasachd a gheibh thu a atharrachadh gus nach faic thu ach sanasan airson nìthean agus sheirbheisean anns a bheil ùidh agad -- gun fhiosrachadh prìobhaideach mu'd dheidhinn a thoirt do dhaoine eile. Airson na grad-roghainnean aig Opera a ruighinn, tagh Faidhle/Grad-roghainnean, air neo put "F12" air a' mheurchlàr. Airson na prìomh roghainnean aig Opera a ruighinn, tagh Faidhle/Roghainnean, air neo put "Alt+P" air a' mheurchlàr. Tha dèiligear-puist leis gach comas a' tighinn còmhla ri Opera. Theirig gu "Post-dealain" sna roghainnean aig Opera airson pearsa a chruthachadh dhut fhèin. Tha Opera a' tighinn le trusadh du chomharraidhean-lìn airson làraichean inntinneach. Airson fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn làrach eile a chur ris an trusadh seo, sgrìobh gu "bookmarks@opera.com". Feuch am "Modh Làn-sgàilean" aig Opera. Cuirear air is dheth e le bhith a' putadh "F11". Gabhaidh duilleag shlàn, eadar chlò is dhealbhan, a leudachadh is lùghdachadh le bhith a' putadh nam putanan "+" is "-" air a' mheurchlàr àireamhail. Put air "*" airson tilleadh gu 100%. Airson uinneag na Beòliosta a thaisbeanadh neo a chur am falach, dinn "F4" air a' mheurchlàr neo briog am putan Beòliosta air a' chrann-innealan. Gabhaidh duilleag-dachaigh a stèidheachadh le "Stiùir/Stèidhich duilleag dachaigh..." Airson comharradh-lìn a chruthachadh, dinn Ctrl+T air neo tagh an roghainn bhon chlàr-taic "Comharraidhean-lìn". Cuirear an comharradh-lìn sa phasgan de chomharraidhean-lìn a tha beò aig an àm. 'S e aithghearr sgiobalta, feumail a tha ann an "G" a chuireas ris an astar a bhios tu a' seòladh tron Eadarlìon. Tha e a' cuirteachadh eadar trì modhan: taisbeain a h-uile dealbh, na taisbeain dealbh sam bith, agus na taispean ach dealbhan a chunnacas roimhe. Airson duilleag a fhosgladh air cùl gnòthaich fhad's a tha thu fhathast ag obair, put "Shift+Ctrl+Enter" no cum "Shift+Ctrl" fhad's a tha thu a' briogadh air ceangal leis an luich. Tha Opera Software a' tairgse "OperaMail" - seirbheis phost-dealain troimh WWW. Theirig gu http://www.operamail.com/ ma tha thu airson seòladh fhaighinn saor 's an asgaidh. Dèan briog-deas leis an luich air a' phrìomh chrann-innealan aig Opera airson trusadh sìmplidh de phutanan (Sìplidh) a roghnachadh, air neo trusadh nas comasaiche (Slàn). 'S e fear de na comasan fa leth a tha aig Opera gun urrainn dha cuimhneachadh leis fhèin na làraich a bha thu a leughadh nuair a dhùin thu e, agus do thoirt air ais chun nan duilleagan ceudna nuair a thoiseachas tu e a-rithist. Dèan briog-deas air fear de na tabs sa Bheòliosta agus tagh "Faigh beòchlàir" airson clàir ùra a chur ris a' Bheòliosta agad. Dinn "H" airson liosta fhaicinn de na seòlaidhean duilleig a sgrìobh thu a-steach bho chionn ghoirid, no tagh "Uinneag/Shònraichte/Eachdraidh" airson liosta nas fiosrachail fhaighinn. Le "Ctrl+B" gheibh thu liosta gu luath de na aithghearraidhean meurchlàir aig Opera. Cuiridh iad gu mòr ris an astar a bhios tu a' stiùireadh tro na duilleagan-lìn. Tha na "gnìomhan lucha" ann an Opera air leth feumail. 'S urrainn dhut na rudan cumanta gu lèir a dhèanamh le gluasad beag den luich san àite far a bheil i. Tagh "Cobhair/Luch" airson faighinn a-mach mun chomas shònraichte seo aig Opera. Gabhaidh fiosrachadh pearsanta a chlàradh le "Faidhle/Roghainnean", "Fiosrachadh Pearsanta". Is urrainn dhut an uair sin a chuir a-steach gu bras ann an formaichean le briog-deas air an luich. Airson rannsachadh gun dragh sa stòrdàta fiosrachaidh aig opera.com, sgrìobh an litir "o" agus facal-luirg sa chrann seòlaidh aig Opera. Mar eisimpleir, airson fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn chraicnean, sgrìobh "o skins". A bheil thu airson faighinn a-mach mu dheidhinn facal air choireigin a chì thu air duilleig? Dèan briog-dùbailte air an fhacal agus tagh "Faclair" bhon mhion-chlàr a nochdas An robh fhios agad gum faod tu an dreach a th' air Opera atharrachadh? Dèan briog-deas air a' phrìomh chrann agus tagh "Dreach an t-sealladair..." no "Dreach nan crann-innealan..." airson putanan, craicnean, clòidean, dathan agus cràinn-innealan atharrachadh. Is e comharsnachd a tha ann am MyOpera far is urrainn don luchd-cleachdaidh craicnean agus plug-ins fhaighinn airson Opera, pàirt a ghabhail ann an deasbadan, agus iomadh rud eile. Dèan tadhal oirre aig "http://my.opera.com/". A' chuid as motha de na plug-ins a tha ag obair le Netscape Communicator, tha iad ag obair le Opera cuideachd; nam measg tha RealPlayer, Quicktime, agus Adobe Acrobat. Ma bha iad air a' choimpiutair agad nuair a stàlaich thu Opera, bidh Opera gam faicinn agus gan cleachdadh. Tha Shockwave Flash a' tighinn mar phàirt de Opera. Ma tha thu airson gun innis Opera dhut nuair a bhios e deis is a bhith a' faighinn duilleag neo faidhle, theirig gu "Faidhle/Roghainnean", "Fuaimean-rabhaidh" agus dèan taghadh an sin den fhuaim-rabhaidh a thèid a chluich. Feum agad air duilleag a chlò-bhualadh? Dinn "P" airson faicinn roimh làimh ciamar a bhios i a' nochdadh. Ma tha coimpiutair agad a tha gann de chuimhne, 's dòcha gum bi e ag obair nas fheàrr ma thèid thu gu "Uinneagan" sna roghainnean agus gun cuir thu "Seachainn priobadaich air dealbhan" dheth. Ma bha trusadh de Favourites agad ann an Internet Explorer mus do stàlaich thu Opera, tagh "Fhuaireadh bho shealladair eile" agus chì thu iad. Airson an toirt a-steach tu fhéin, fosgail am Beòliosta, theirig gu Comharraidhean-lìn, dinn "Ctrl+M", agus tagh "Faidhle/Thoir Internet Explorer favourites a-steach". Airson comharraidhean-lìn a thoirt a-steach bho Netscape, fosgail am Beòliosta, tagh "Comharraidhean-lìn", dinn "Ctrl+M", agus tagh "Faidhle/Thoir comharraidhean-lìn a-steach". Ma nì thu briog-deas agus "Fosgail" air pasgan de chomharraidhean-lìn sa Bheòliosta, fosglaidh Opera a h-uile gin de na còmharraidhean-lìn a tha sa phasgan ud. Ma thaghas tu "Ceangail ri frithealaiche teachdaireachd-sa-bhad" sna roghainnean "Tùs agus Èis", nì Opera ceangail ris an fhrithealaiche teachdaireachd-sa-bhad gach uair a thoiseachas e, ach chì thu cò na caraidean agad a tha ceangailte ris an Eadarlìon aig an àm. Ma thig thu tarsainn air làthraich-lìn nach leig a-steach thu, feuch "F12" a phutadh agus iarraidh air Opera leigeil air gur e "MSIE 5" (Internet Explorer) no "Mozilla" (Netscape) a th' ann. An uair sin ath-luchdaich an duilleag le bhith a' putadh "F5". Ma tharraingeas tu comharradh-lìn bhon Bheòliosta a-nunn gu uinneig aig Opera, fosglar san uinneig sin e. Ma tharraingeas tu a-nunn gu àite saor sa raon-obrach aig Opera e, fosglar ann an uinneig ùir e. Ma 's e saoidh coimpiutaireachd a th'annad is tu ag iarraidh gum bi Opera ag obrachadh ann an dòigh cho èifeachdach 's a ghabhas, theirig gu "Eachdraidh agus Tasgadan" sna roghainnean. Ma tha curam ort mun phrìobhaideachd agad air an Eadarlìon, gabh beagan ùine airson am fiosrachadh aig http://www.opera.com/support/service/privacy/ a leughadh. Cuiridh "Alt+1" na comharraidhean-lìn ann an òrdugh na h-aibidil. Ma dhinneas tu a-rithist e, cuairteachaidh e tro "A-Z", "Z-A", agus "Òrdugh agamsa". Ma tha taic theicnigeach a dhìth ort, dèan tadhal air na duilleagan taice againn aig http://www.opera.com/support/ Tha "Ctrl+G" a' tionndadh a-nunn 's a-nall eadar "Dreach an sgrìobhadair" agus "Dreach an neach-cleachdaidh". Is e dòigh gu math èifeachdach a th'ann bhith a' leughadh duilleig leis na roghainnean agad fhèin nuair a tha an fheadhainn a tha aig an duilleig cho sgriosail 's nach gabhadh i a leughadh. Is urrainn do Opera facail agus abairtean eadar-theangachadh gu cànan eile. Tagh abairt leis an luich, dèan briog-deas oirre, agus tagh "Eadar-theangaich". Is urrainn do Opera seirbheisean "encyclopedia" a chleachdadh. Dèan briog-deas air facal agus tagh "Leabhar mòr-eòlais". San earrainn "Gnàth shealladair" de na roghainnean gheibh thu cothrom taghadh mionaideach a dhèanamh air na protocols agus na seòrsaichean faidhle a bhios a' cleachdadh Opera mar shealladair àbhaisteach. Is dòcha gum bi e feumail do luchd-deasachaidh làrach-lìn bhith a' faicinn tomhais na h-uinneige. Cuirear seo air gleus le "Faidhle/Roghainnean", "Uinneagean". Tha "Ctrl+J" a' taisbeanadh nan ceanglaichean gu lèir a tha ann an duilleig no ann an leòsan. 'S urrainn dhut an uair sin iad uile a chuimhneachadh, no an cur a-steach mar phasgan ùr de chomharraidhean-lìn. Faodaidh buidheann no companaidh ath-bhreac sònraichte de Opera a chruthachadh dhaibh p-fhéin, le putanan diofraichte, craicnean, agus clàir ùra sa Bheòliosta. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh aig http://composer.opera.com/ Ma bhios daoine eile a' cleachdadh a' choimpiutair agad agus mura bheil thu airson 's gum bi fios aca dé a bha thu a' leughadh air an Eadarlìon, dèan "Faidhle/Sguab às fiosrachadh prìobhaideach..." airson a h-uile lorg a sguabadh às. Tha Opera a' cleachdadh nam protocols tèarainteachd as adhartaiche a tha ri'm faighinn san latha an-diugh, airson am fiosrachadh prìobhaideach agad a dhìon nuair a bhios tu a' ceannach air an Eadarlìon. Airson fiosrachaidh mun eadar-theangachadh Ghàidhlig de Opera agus na faidhlichean as ùire fhaighinn, theirig gu http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/opera/ Ma tha thu airson 's nach bi an uinneag seo a' nochdadh a-rithist, cuir dheth am bogsa "Taisbein Gliocas an Latha". Airson a faighinn air ais, theirig gu "Cobhair/Gliocas an Latha..." agus cuir air a-rithist e.