Tha trusadh feumail de chomharraidhean-lìn (bookmarks) Gàidhlig a' tighinn còmhla ris an eadar-theangachadh Gàidhlig de Opera. Ach... ma bha Opera agad roimhe seo agus trusadh de chomharraidhean-lìn agad fhéin, feumaidh tu an cur ann an àite sàbhailte an toiseach, mus téid an trusadh ùr a sgrìobhadh nan àite. Seo mar a nì thu sin...
Dèan lethbhreac den fhaidhle:
\Program files\Opera\Opera5.adr
gu àite ùr, can "seann-Opera5.adr".
Aon uair 's gu bheil an t-eadar-theangachadh Gàidhlig de Opera an sàs air a' choimpiutair agad, theirig dhan Bheòliosta, cruthaich pasgan ùr agus dèan briog-deas (right-click) air gus na seann chomharraidhean-lìn a thoirt a-steach bho seann-Opera5.adr. Dèan sgioblachadh orra às déidh sin.