Am meurchlàr Whacking Sandy
airson sgrìobhadh na Gàidhlig ann am Windows

Ged a tha am meurchlàr¹ UK Extended aig Microsoft làn chomasach air na sràcan gu léir a sgrìobhadh a tha a dhìth airson na Gàidhlig, tha am meurchlàr nuadh UK Whacking Sandy aig John Cowan a cheart cho comasach, tha e ag obair anns an aon dòigh ri UK Extended a thaobh nan sràcan à è ì ò ù   À È Ì Ò Ù agus á é í ó ú   Á É Í Ó Ú, tha e saor ’s an asgaidh, furasta ri chur air dòigh - agus tha e a’ toirt dhut fada fada a bharrachd chomasan na tha UK Extended.

Tha e ga fhàgail furasta na cromagan turrach “ ” ‘ ’ a sgrìobhadh ann am prògram sam bith, ß na Gearmailtise, na litrichean Lochlannacha ø æ å ð, comharraidhean pongachaidh, litrichean Greugach, IPA simplidh, comharraidhean matamataig. Agus tha e a’ dèanamh seo gu léir ann an dòighean a tha nàdarra, furasta ri’n cuimhneachadh, agus nach eil a’ toirt droch bhuaidh sam bith air obair àbhaisteach a’ mheurchlàir.

Gus a stàladh air a’ choimpiutair agad, faigh a-steach am faidhle zip airson Whacking Latin, dèan unzip gus na faidhlichean a tharraing a-mach às, agus lean an stiùireadh a chì thu gus Whacking Sandy a chur an sàs.

Ma bhios tu a’ sgrìobhadh cuideachd anns a’ Ghàidhlig Éireannaich no anns a’ Chuimris, is dòcha gum bi thu ag iarraidh an tionndadh Whacking Taffy a chur an sàs, a bharrachd air Whacking Sandy no ’na àite. Chan eil Whacking Sandy a’ gabhail seilbh agus smachd ach air aon phutan àbhaisteach air a’ mheurchlàr: ` mar phutan marbh airson sràc mhall. Tha Whacking Taffy a’ gabhail seilbh air sin agus air dà phutan a bharrachd: ^ mar phutuan marbh airson cuairt-lùb, agus # mar phutan marbh airson sràc bhrisg.

Seo am fiosrachadh slàn air na comasach toirteil a th’ aig Whacking Sandy agus Whacking Taffy.

Chithear anns a chlàr fodha seo eisimpleirean den dòigh anns an sgrìobhar cuid de na samhlaidhean as cudromaiche, agus coimeas ris an dòigh anns an sgrìobhar iad leis a’ mheurchlàr UK Extended.

SamhladhWhacking SandyUK Extended
à` a` a
è` e` e
ì` i` i
ò` o` o
ù` u` u
À` A` A
È` E` E
Ì` I` I
Ò` O` O
Ù` U` U
`` ` no ` space` space
áAltGr+' aAltGr+' a
éAltGr+' eAltGr+' e
íAltGr+' iAltGr+' i
óAltGr+' oAltGr+' o
úAltGr+' uAltGr+' u
ÁAltGr+' AAltGr+' A
ÉAltGr+' EAltGr+' E
ÍAltGr+' IAltGr+' I
ÓAltGr+' OAltGr+' O
ÚAltGr+' UAltGr+' U
AltGr+q l- (chan eil iad ann)
AltGr+q r-
AltGr+q L-
AltGr+q R-
AltGr+$AltGr+4
âAltGr+^ aAltGr+6 a
ŵAltGr+^ wAltGr+6 w
ñAltGr+~ nAltGr+# n
öAltGr+; oAltGr+2 o
ßAltGr+s-
æAltGr+a-
øAltGr+/ o-
åAltGr+w a-

Aon uair ’s gu bheil thu air Whacking Sandy a stàladh air a’ choimpiutair, bu chòir dhut a dhol gu Control Panel > Regional and Language > Keyboard, gus a roghnaich mar default keyboard. Às déidh sin, bidh e nas fheàrr meurchlàran sam bith eile a sguabadh às an liosta mura bheil fhios agad fhéin gu bheil iad a dhìth ort. Nì sin cinnteach nach tagh thu tro mhearachd iad (mar as trice le bhith a’ bualadh Ctrl+Shift còmhla!) agus nach bi na sràcan gu h-obann a’ sguir a dh’obair ann am meadhan sgrìobhaidh.

2016-11-16 CPD