Rannsaich

Cead-cleachdaidh airson nam faclairean Gàidhlig le Roy Wentworth

Tha Roy gu math toilichte daoine a bhith a' cleachdadh nam faclairean aige saor 's an asgaidh. Ach aig an aon àm tha e ag iarraidh smachd air choireigin a chumail orra gus nach bi daoine gan sgapadh airson prothaid agus gus nach tèid seann lethbhric a sgapadh ann an cruth leasaichte fhad's a tha e fhèin ag obair air lethbhric ùra. Tha na lethbhric seo air an Eadarlìon beagan aosta mu-thràth oir tha e a' cumail air ag obair air na faclairean fad an t-siubhail. Seo mar a tha e fhèin a sgrìobhadh:

'S e dreachd a tha sna sgrìobhainnean seo de dh'obair a tha a' dol air adhart. Chan eil iad anns an "raon phoblach". Tha mi toilichte daoine a bhith a' dèanamh feum dhiubh ann an dòighean nach eil a chum prothaid, agus a bhith a' cur lethbhreac saor 's an asgaidh gu daoine eile, cho fad agus nach tèid atharrachadh a dhèanamh orra, agus gum fuirich an sanas seo an ceangal riutha. Chan fhaod iad a bhith air an sgaoileadh ann an riochd eadar-dhealaichte sam bith no air an cur a-steach ann am bathar no ann an làrach-lìn sam bith a tha a chum prothaid gun chead sgrìobhte bhuamsa.

Roy Wentworth, 3 An t-Sultain 2003

 
Rannsaich
2000-09-17 CPD