Gaeilge na hÉireann

Dearbhadh litreachaidh sa Ghàidhlig

Chan eil spell-checker Gàidhlig mar siud againn fhathast, ach tha Roy Wentworth air rudeigin a chur air dòigh a tha ag obrachadh fìor mhath ann am Microsoft Office. Tha e air barrachd air 20,000 wordforms Gàidhlig a chruinneachadh ann an "custom dictionary" agus gabhaidh iad an cleachdadh ann an MS-Office mar "supplement" air an dearbhadh litreachaidh sa Bheurla.

Airson a chur air dòigh, sàbhail am faidhle a leanas (leasaichte air 2003-01-21):

gd.dic

dhan desktop. An uair sin, ann an MS-Word, theirig gu:

Tools > Options... > Spelling and Grammar > Custom Dictionaries... > Add...

Tagh gd.dic bhon desktop agus briog "OK" agus "OK" a-rithist.

Cuir:

"Check spelling as you type" air;
"Always suggest corrections" air;
"Check grammar as you type" dheth;
"Check grammar with spelling" dheth.

Agus sin agad e! (Faodaidh tu a-nis gd.dic a sguabadh bhon desktop airson a chumail sgiobalta.)

Cuimhnich nach e fìor dearbhadh-litreachaidh Gàidhlig a tha seo. Chan eil a leithid againn fhathast. Gu foirmeil, chan eil ann ach léadachadh air an dearbhadh-litreachaidh Beurla a th' aig Word có-dhiù. Mar sin na dèan "Set Language" gu "Gaelic (Scotland)" air neo bidh Word a' smaoineachadh nach eil e comasach air dearbhadh-litreachaidh sam bith a dhèanamh. Ma chì thu nach eil an dearbhadh-litreachaidh ag obair ann an sgrìobhainn, no ann am pàirt de sgrìobhainn, 's dòcha gum bu chòir dhut "Edit/Select All" agus "Tools/Language/Set Language/English" a dhèanamh.

Seo gd-utf8-dic agus gd-macintosh.dic agus gd-unicode.dic (gd.dic sa chruth “utf-8” agus “macintosh” agus “unicode” an àite iso8859-1). Is dòcha gur e fear dhiubh siud a dh’fheumas tu dhan t-siostam agad an àite gd.dic. ’S e gd-unicode.dic a tha ag obair air MS-Office 2007 air XP, mar eisimpleir.

Ma 's e seann seann choimpiutair a th'agad le seann ath-bhreac de Word, 's dòcha gum bi gd.dic ro-mhór dhà. An uair sin feumaidh tu na seachd seann faidhlichean: Sgoilga1.dic, Sgoilga2.dic, Sgoilga3.dic, Sgoilga4.dic, Sgoilga5.dic, Sgoilga6.dic, Sgoilga7.dic, a chleachdadh an àite gd.dic.


2009-04-23 CPD