Gaeilge na hÉireann

Dearbhadh litreachaidh sa Ghàidhlig

⇨ Faic an duilleag ùr

Chan e dearbhair litreachaidh Gàidhlig dha-rìreabh a tha seo, ach tha Roy Wentworth air rudeigin a chur air dòigh a tha ag obrachadh fìor mhath ann am Microsoft Office. Tha e air barrachd is 20,000 wordforms Gàidhlig a chruinneachadh ann an “custom dictionary” agus gabhaidh iad an cleachdadh ann an MS-Office mar leudachadh air an dearbhadh litreachaidh Beurla.

Airson a chur air dòigh, sàbhail am fear ceart de na faidhlichean a leanas:

gd-unicode.dic (MS-Word 2007)
gd.dic (MS-Word 2003)

gu àiteigin sàbhailte air a’ PC. An uair sin ma ’s MS-Word ùr a th’ agad, theirig gu:

Options... > Proofing tools > Custom Dictionaries... > Add...

air neo ann an seann MS-Word, theirig gu:

Tools > Options... > Spelling and Grammar > Custom Dictionaries... > Add...

Tagh am faidhle a shàbhail thu agus briog “OK” agus “OK” a-rithist.

Cuir:

“Check spelling as you type” air;
“Always suggest corrections” air;
“Check grammar as you type” dheth;
“Check grammar with spelling” dheth.

Agus sin agad e!

Cuimhnich nach e fìor dearbhadh-litreachaidh Gàidhlig a tha seo. Gu foirmeil, chan eil ann ach léadachadh air an dearbhadh-litreachaidh Beurla a th' aig Word có-dhiù. Mar sin na dèan “Set Language” gu “Gaelic (Scotland)” air neo bidh Word a’ smaoineachadh nach eil e comasach air dearbhadh-litreachaidh sam bith a dhèanamh. Ma chì thu nach eil an dearbhadh-litreachaidh ag obair ann an sgrìobhainn, no ann am pàirt de sgrìobhainn, ’s dòcha gum bu chòir dhut “Edit/Select All” agus “Tools/Language/Set Language/English” a dhèanamh.

Seo am faidhle ann an diofar encodings: gd.dic (iso-8859-1); gd-utf8-dic (utf-8); gd-unicode.dic (utf-16); gd-macintosh.dic MacRoman. Is dòcha gur e fear dhiubh siud a dh’fheumas tu dhan t-siostam agad.

2012-02-23 CPD