Rannsaich

(Nochd an luaidh-beatha seo le Ruairidh MacIllEathain sa phàipear naidheachd An Inverness Courier air 24 an Dàmhair 2003)

CHAN eil cuimhne agam nuair a dh'fhulaing mi buille cho cruaidh le bàs duine nach robh dlùth-chàirdeach dhomh 's a dh'fhulaing mi nuair a chuala mi gun do chaochail Roy Wentworth air an deireadh-sheachdain sa chaidh. 'S ann ainneamh a chuirinn an tiotal 'Gaisgeach na Gàidhlig' air duine oir chan eil ach glè bheag dhinn airidh air a leithid, ach bha Roy airidh air sin, agus tuilleadh. Ged a thogadh Roy ann an Lunnainn, dh'fhàs a chridhe cho Gaidhealach ri cridhe Oisein nuair a thàinig e a dh'fhuireach ann an sgìre Gheàrrloch.

Nuair a bhruidhneadh tu Gàidhlig ris (agus 's ann ainneamh nach bitheadh, a rèir cò eile a bha anns a' chuideachd), bha e doirbh a chreidsinn nach do thogadh e ann an taigh-croite anns an sgìre sin fhèin. Chan e dìreach gun d'rachadh aige air smaoineachadh ann an Gàidhlig, ach gun cuireadh e a smuaintean an cèill ann an cainnt ghnàthsach na sgìre sin.

Bidh cuid nach robh eòlach air Roy ga chuimhneachadh airson nochdadh anns a' chùirt ann an Inbhir Pheofharain, agus e a' diùltadh bileagan de dhiofar sheòrsachan a lìonadh leis nach robh iad rim faighinn ann an Gàidhlig. Ach bhiodh iad gu tur ceàrr nan robh iad dhen bheachd gur e duine bragail àrdanach a bh' ann. Bha Roy cho iriosal ciùin, 's nach do thuig e a-riamh, cha chreid mi, a' bhàidh a bh' aig daoine eile dha no an t-urram a bha e air cosnadh dha fhèin.

Le bhàs aig aois fada fada ro òg, dh'fhulaing a theaghlach call do-labhairt. Ach dh'fhulaing saoghal na Gaidhealtachd, saoghal na Gàidhlig agus a' choimhearsnachd ionadail aige gu mòr cuideachd. Bha sinn gann de ghaisgich Ghaidhealach air tìr-mòr na h-Alba co-dhiù, agus tha an gainnead sin air a dhol mòran na bu truime anns na beagan làithean a dh'fhalbh.

Nuair a thàinig Roy a dh'fhuireach ann an Ros an Iar, bheireadh e leabhar beag leis na phòcaid. Gach turas a chluinneadh e facal no abairt ùr aig muinntir an àite, rachadh sin anns an leabhar. Agus, gu fortanach dhuinn, bha e lèirsinneach gu leòr 's nach do dh'fhàg e na briathran sin ann an dràthair no clòsaid. Dh'fhoillsich e faclair stèidhichte air na chruinnich e gus am biodh cuid dhen eòlas aige ri fhaighinn do dhaoine eile.

Bha eòlas air leth aige air ainmean-àite na sgìre agus 's i a' chuimhne as fheàrr a th' agam air, là a chaidh sinn a-mach còmhla a dh'eileanan Loch Ma-Ruibhe. Bha e a' dèanamh an rannsachaidh mu dheireadh aige airson dà leabhar a dh'fhoillsich Dualchas Nàdair na h-Alba air ainmean-àite an tèarmannan nàdair nàiseanta air eileanan an locha agus Beinn Eighe. Bha mi a-riamh gam meas mar leabhraichean air leth luachmhor. A-nise tha an luach air a dhol thairis air tomhas.

Bha Roy na ghille-iasgaich aig deireadh nan 1960an ann an Loch Ma-Ruibhe agus bha e air a dhòigh ann am bàtaichean beaga. Chaidh sinn a-null a ghrunn de na h-eileanan, agus thug e sùil gheur air àiteachan dhan d' fhuair e ainmean is beul-aithris bho mhuinntir an àite. Agus bha sgeulachdan matha aige mun deidhinn. Fanaidh e nam chuimhne gu bràth mar a dh'innis e stòiridh mu bhànrigh nan sìthichean a bhiodh na suidhe fo chraoibh air eilean ann an loch a bha e fhèin air eilean ann an Loch Ma-Ruibhe. Bha sinn anns an dearbh àite aig an àm, agus bha sùilean Roy a' deàrrsadh le tlachd fhad 's a dh'innis e dhomh an sgeulachd.

Chuir Roy a chuid eòlais mu dheidhinn dualchainnt Gheàrrloch ann an tràchdas PhD agus mu dheireadh bha e na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig. Bha e math dha a bhith ann an suidheachadh far am b' urrainn dha a chuid sgilean is eòlais a chur gu feum mu dheireadh thall.

'S e seo leirmheas-bàis nach robh mi a-riamh ag iarraidh sgrìobhadh agus tha e fhathast doirbh gabhail a-steach nach bi Roy gaisgeil còmhla rinn tuilleadh ach nar leabhraichean is nar cuimhne. Tha ar dùrachd is gaol is co-fhaireachdainn a' dol gu bhanntrach chòir Magaidh, a bha na companach Gaidhealach gaolach dha anns a h-uile rud a rinn e, agus don dithis chloinne còir, Iain agus Diorbhail.

 
Rannsaich
2003-12-02 CPD