(Nochd an luaidh-beatha seo sa phàipear naidheachd An t-Albannach air 29 an Dàmhair 2003)
CHAILL na Gaidhil fìor dheagh charaid an uair a chaochail Roy Wentworth aig aois 57 an Eàrradal a-Deas ann an Geàrrloch, air feasgar Sàbaid 19 Dàmhair.
Rugadh Roy ann an Wandsworth ann an Lunnainn air 28 Lùnastal 1946. Bha e 17 nuair thàinig e gu Geàrrloch an toiseach air làithean-saora còmhla le athair. Ged a chaidh e gu oilthigh ann an Obar Dheathain, ’s ged a shiubhail e tro cheàrnaidhean eile de dh’Alba os dèidh sin, dh’fhaodadh tu a ràdh nach do dh’fhàg a chridhe Geàrrloch on latha sin ann an 1963 gus an do chaochail e agus e air ceum coiseachd a-muigh air a’ mhonadh faisg air a dhachaigh: dà fhichead bliadhna de ghràdh dùthcha, de ghràdh sluaigh, agus de ghràdh cànain.
Thòisich Roy a’ tional dualchas Gheàrrloch cha mhòr on latha a chuir e cas san sgìre. Ged nach robh ceangal dùthchasach sam bith aige ri Alba no ris a’ Ghàidhlig, dh’ionnsaich e a’ chànan gu siùbhlach fileanta, ach gu sònraichte ghabh e ùidh ann an dualchainnt na sgìre, a bha a’ seargadh air bilean an t-sluaigh air a bheulaibh.
B’e sin, saoilidh mi, a bu mhotha a bha ga ghluasad: bàs nan dualchainntean brèagha a bha aig aon àm cho prìseil ’s cho blasta anns na diofar pharaistean. Na gnothaichean a bha a’ fàgail an t-saoghail cho dathach. Dh’aithnich agus dh’fhairich Roy gum b’e anail nan dualchainntean a bha a’ cumail na Gàidhlig ioma-fhillteach, agus gur e claonadh agus tiormachadh a thigeadh air a’ chànain nan rachadh na dualchainntean a dhìth: mus tug an còrr againn an aire, bha e mothachail air an olc a bha ceangailte le dlùth-chruinneas. Ann an iomadaidheachd an t-saoghail, bha sgrios nan dualchainntean a-cheart cho marbhtach do Roy agus a bha sgrios coille mhòr an Amazon: gu dearbh, b’e an aon sgrios a bh’ ann.
Ri linn sin chuir Roy còrr agus 30 bliadhna seachad a’ cruinneachadh na bha air fhàgail: na h-ainmeannan-àite a bha fhathast aig na seann daoine, na h-òrain, na faclan ’s na h-abairtean a bha dùthchasach dhan sgìre. "Cha do shàbhail mi ach a bheag, ge-tà," thuirt e leam aon uair. "Oir bha e mar gun tàinig mi gu coille mhòr a bha a’ losgadh suas air mo bheulaibh - coille na Gàidhlig - ’s cha do rinn mise an gnothach ach air beagan dhen rùsg a bh’ air aon chraobh a bha a’ losgadh suas am measg nam mìltean - Gàidhlig Gheàrrloch - a shàbhaladh a-mach ás an sgrios."
Ach is mòr an toradh sin, oir tha Roy air dìleab phrìseil fhàgail as a dhèidh - faclair de bhriathrachas na sgìre a tha a’ ruith gu 700 duilleag, a bharrachd air dà fhaclair bhun-tomhasach eile a tha a’ ruith gu còrr agus 500 duilleag.
A thuilleadh air a-sin bha e dìreach air crìoch a chur air tràchdas ionmholta fon ainm "Rannsachadh air Fòn-Eòlas Dualchainnt Ghàidhlig Gheàrrloch". Se tàmailt mhòr nach d’fhuair e fhèin ’na làimh an Dotaireachd air an robh e airidh ’s a bhithear a’ toirt dha a-nis, tha fhios, os dèidh a bhàis. Thuirt an t-Ollamh Dòmhnall MacAmhlaigh: "Se call mòr mòr tha seo. Rinn Roy saothair do-chreidse air Gàidhlig Gheàrrloch. Dh’ionnsaich e a’ chànan gu ìre tur ghnàthasach agus chan eil teagamh sam bith nach robh e na b’ fhiosraiche mu dheidhinn na dualchainnt sin na duine sam bith eile.
"Sgrìobh e tràchdas còrr is 200,000 facal air an structur fuaimneachaidh - fogharachd agus fòneòlais - ’s rinn e mòran obair air morfeòlais cuideachd an lùib sin. Sgrìobh e sin uile sa Ghàidhlig, agus gus sin a dhèanamh chruthaich e faclair cànanachais ag iathadh an raoin sin gu h-iomlan. Ged nach biodh e air an còrr ach am faclair sin fhèin a dhèanamh bhiodh sinn gu fada ’na eisimeil."
B’e call mòr eile bh’ ann nach d’ fhuair Roy an cothrom e fhèin a fhreumhachadh san dreuchd a fhuair e o chionn ghoirid mar neach-teagaisg dhualchainntean aig Sabhal Mòr Ostaig. Bha a shaothair mhòr fad 30 bliadhna làn airidh air an tèarainteachd a bharrachd a thigeadh ás an dreuchd, agus bhiodh na h-oileanaich air oideachadh air leth fhaighinn bhuaithe. Thuirt ceannard an fhoghlaim aig SMO, Iain Tormod MacLeòid, "Bidh ionndrainn mhòr air Roy mar sàr sgoilear agus eòlaiche ann an cànanachas Gàidhlig na h-Alba, mar neach-deilbh dearbhair-litreachaidh Gàidhlig agus, am measg oileanaich agus luchd-obrach na Colaiste, mar dheagh charaid agus mar dhuine a bha a’ cur air adhart còirean na Gàidhlig ’na dhòigh socair ciùin fhèin.
"Ged a bha ùine mar neach-teagaisg ’nar measg goirid, dh’fhàg e eisimpleir agus dìleab air leth prìseil againn uile."
Tha sinn air Dwelly ar latha-ne a chall, ma-tà. Coigreach a thàinig ’nar measg ’s a ghràdhaich ar dùthaich, ar dualchas, ar daoine ’s ar cànan, mar nach do rinn iomadh Gaidheal fhèin. Fada mus d’fhuair mi fhìn eòlas air bha mi eòlach air ainm mar fhear a bha gu daingeann làidir a’ seasamh còraichean na Gàidhlig. Bha dùileam ri duine lasrach, sradagach, feargach a bhiodh ag èigheach ’s ag othail mun chànan, ’s nuair choinnich mi ris cò bha seo ach duine ciùin, sèimh, socair a bha a’ fulang ’s a’ strì air son na cànain ann an dòigh gu math radacal. Dh’ionnsaich mi ás a-sin nach eil ceartas a’ crochadh air fuaim ach air fìrinn.
Bha sluagh mòr an làthair aig an t-seirbheis thiodhlagaidh ann an Eaglais Shaor Gheàrrloch Di-Haoine sa chaidh, nuair a chaidh dàn a rinn Maoileas Caimbeul, a tha a’ teagasg san sgìre, a leughadh mar chuimhneachan air sàr Ghaidheal.
Slàn leat Roy, a dhuine uasail,
Tha sinn gu truagh a’ caoidh às do dhèidh;
Gu h-aithghearr rinn thu bhuainn gluasad
Mar chìobair air fhuadach bhon sprèidh.
Thàinig thu a thìre Gheàrrloch
’S dh’ionnsaich thu cànan na sgìr’;
Bha thu bliadhnachan gun fhàilneadh
A’ dèanamh clàradh air gun sgìths ...
Thog Roy teaghlach sa Ghàidhlig ann an Geàrrloch nuair bha sin ’na annas, nuair nach robh e prothaideach - co-dhiù ann an dòigh saoghalta - neo fasanta. Dhiùlt e formaichean Beurla a lìonadh a bhiodh air airgead a thoirt dha, ’s dh’fhuiling e fhèin ’s a theaghlach gu leòr ri linn sin, ach tha am meas an-diugh blasta, le Gàidhlig fhileanta aig an dithis chloinne - Iain, 17, agus Diorbhail, 14. Tha ar co-fhaireachdainn leothasan agus le bhantrach, Magaidh, a tha a’ caoidh cèile, athair agus caraid.