Geansaidh le zip Sabhal Mòr Ostaig
Tha na geansaidhean le zip seo rim faighinn ann an ceithir dathan agus ann an dà dhreach. Tha dà phòcaid air beulaibh a' gheansaidh. Mar sin, tha na geansaidhean seo an dà chuid, comhurtail is prataigeach.
Tha iad againn ann an gorm tarraingeach le 'Sabhal Mòr Ostaig' fuaighte air a' chùl ann an litrichean mòra geala is ìomhaigh an tairbh fuaighte air a' bhroilleach. Tha an aon dreach ri fhaighinn air geansaidh dearg le grèis gheal.
Anns an dreach eile tha ìomhaigh an tairbh fhathast fuaighte air a’ bhroilleach ach tha ‘Sabhal Mòr Ostaig’ ann an litrichean beaga fon t-slinnein air cùl a’ gheansaidh. Tha sin ri fhaighinn ann an dà dhàth cuideachd, geansaidh ruadh le grèis ghorm, no geansaidh dubh le grèis gheal.
Tha na geansaidhean rim faighinn ann an diofar mheudan.
£22.99