Home

Maighread Stiùbhart - Togaidh mi mo Sheòlta

Tha ùidh shònraichte aig Maighread Stiùbhart ann a bhith a' toirt gu aire luchd-èisteachd òrain nach cluinnear ach ainneamh. Tha seo follaiseach air an CD seo air a bheil 17 de na h-òrain gu math brèagha sin air an seinn le guth eireachdail snasail. Tha an CD a' tighinn le faclan nan òran anns a' Ghàidhlig, Gaeilge is Beurla, a bharrachd air mìneachadh air cò às a thàinig na h-òrain agus dè an sgeul a tha iad a' toirt an cèill. Mar sin, tha '€œTogaidh mi mo Sheòlta'€ freagarrach do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an cànan is cultar nan Gàidheal a bharrachd air na h-òrain. 'S i Maighread, a bhuineas do Leòdhas, aon de na seinneadairean Gàidhlig as ainmeile agus i air tòrr dhuaisean a choisinn, nam measg Bonn Òr aig Mòd Nàiseanta 1993 agus an tiotal '€œSeinneadair Gàidhlig na Bliadhna'€ ann an 2008.  Ann an 2011 chaidh a h-ainmeachadh mar Cheòladair ùr air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig agus mar sin tha buntainneas sònraichte aice leis a' cholaiste.

Clàr òran:

1. A Phiuthrag 's a Phiuthar
2. An Dòmhnallach Urramach
3. Chaidh an Dileag Ud Nam Cheann
4. Tha Mi Sgith 'n Fhògar Seo
5. Feill Nan Crann
6. Blàr na h-Eaglaise Brice
7. A' Bhainis a Bha 'n Ciostal Odhar
8. Saoil an Till Mi Chaoidh
9. Òran an t-Seasganaich
10. Cò Leis an Crodh Druim-fhionn ud Thall
11. 'S Fheudar Dhomh Bhi Beò
12. Cumha Aonghais Mhic Raghnaill Ғig na Ceapaich
13. Òran 'Twinkle' (Murchadh A' Bhounce)
14. Laoidh a Chon Duibh
15. Ò Thug 'ad Bhuam Thu
16. Clann Dòmhnaill an Cogadh Rìgh Tearlach I, 1644-45
17. Tógfaidh mé mo Sheolta

£11.99


Co mheud | Quantity:

Stock: