Gillebrìde MacMillan - Air Fòrladh
'S e seo an dàrna CD aig Gillebrìde MacIlleMhaoil agus coltach ris a' chiad chlàr, 's e òrain Uibhisteach a tha air an gabhail ann an dòigh shìmplidh nàdarra ach gu sgileil 's tarraingeach. Chaidh an clàr a chur air adhart son "Clàr na Bliadhna" agus Gillebrìde fhèin mar "Sheinneadair Gàidhlig na Bliadhna" aig na MG Alba Scots Trad Music Awards 2011. Tha Gillebrìde à teaghlach anns a bheil dualchas gu math làidir agus e air na duaisean mòra a choisinn aig a' Mhòd Nàiseanta airson an dà chuid, cloinne is inbhich. A bharrachd air sin, tha e a' seinn còmhla ris 'Na Seòid' agus air a bhith an sàs ann am mòran prògraman t. bh. agus radio.
Clàr òran:
1. Dol do dh'Uibhist
2. Puirt-a-Beul
3. Tèarlach Mac Sheumais
4. Òran nan Giomach
5. An Tèid Thu leam a rìbhinn lurach
6. An Tàillear Mòr
7. Òran Eile air Uibhist
8. Iain Mac 'Ic Fhionghainn
9. Tha m' inntinn trom 's cha tog leam fonn
10. B' annsa Cadal Air Fraoch
11. Fòrladh Alasdair Bhàin
12. Mo nighean donn 's toil leam thu
13. Shealgair nan sealg / 'S mòr mo shunnd
14. Gaoth Tuath
£10.00